Wednesday, 28 November 2012

And these folk want to give us a Gaelic Language Academy

Sàr eisimpleirean dhen a' chànan mhilis mhàthaireil a nochd ann an Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2011-12:



  • "Is e bliadhna dhùbhlanach ach torrach aig a’ cheann thall a tha air a bhith ann do Bhòrd na Gàidhlig, mu choinneach  [sic] cùl-raoin de chrìonadh eaconamach agus goireasan cuibhrichte mar bhuil air an sin." 
- Iain Aonghas MacAoidh san ro-fhacal aige. Aidh a chàirdean, chan eil beutadh air Gàidhlig Eilean Leòdhais ... 


  • "Thadhail Oifigear Trusaidh Luchd-teagaisg Gàidhlig air sgoiltean, oilthighean agus tachartasan dhreuchdan-beatha ann an àiteachan air feadh Alba, gus teagasg Gàidhlig adhartachadh mar dhreuchd-beatha". 
Wow! That's almost as impressive as Eòlaiche-tadhail Urramach na Tionnsgalachd of fond memory (©SMO).


Agus, bho na cunntasan:

  • "Tha ìsleachadh air a sholarachadh air so-mhaoin susbainteach neo-làithreach uile air bunait loidhne dhìreach. Chaidh beatha so-mhaoin ath-bhreithneachadh rè na bliadhna, a' dèanamh cinnteach gu bheil iad a' leantainn air adhart a' riochdachadh tuairmse reusanta air beatha fheumail eaconamach. 
Cha chan mi càil mus can mi cus!


Tha am meisterwerk air fad ri fhaighinn aig:



2 comments:

  1. Saoil an tèid a h-uile cail a tha seo sgrìobhadh sa bheurla sa chiad dol a-mach?
    Nuair a bha mi nam oileanach ablach thuirt tidsear rium mu dheidhinn Plana na Garlic; "Chan eil mise deanamh bun no barr dheth as a Gàidhlig no Beurla!"

    ReplyDelete
  2. Cha ghabh an document seo leughadh sa Ghàidhlig idir. 'S e cùis-nàire gu bheil am Bòrd a' toirt prìomhachas dhan a' Bheurla (agus "management parrot-speak" aige sin), agus an uair sin a' faighinn eadar-theangachadh dhan a' Pseudogaelic.

    ReplyDelete