Sunday, 25 November 2012

Banned from the Tufty Club

Halò a chlann-nighean agus a bhalaichibh

Uair dha robh an t-saoghal, bha buidheann de dhaoine shona ann thall an-siud, air an robh iomairtean_gaidhlig, a bhiodh a' tighinn beò taing do mhuinntir Yahoo snog agus iad a' cumail traing a' postadh brath e-mail eadar iad fhèin agus iad a' càineadh urracha mòra na Gàidhlig mar bu chòir.

Co-dhiù latha dhe na làithean chaidh am bòrd-bratha aca dhùnadh sìos, leis an fheadhainn a chur 'cac' ann an 'èifeachdachd' ... Cha speculate mi an deach seo dhèanamh gus na h-urracha mòra thoileachadh, cha speculate. Co-dhiù chaidh an fheadhainn, a dh'fhàg Yahoo agus a chaidh a-null thairis gu tìrean cèin Chlàr an Aodainn, a chur fo gheasaibh is fo sheuntan gus nach b'urrainn dhaibh ach na h-urracha mòra mholadh anns na brathan a bhiodh iad a' toirt seachad bho sin air adhart.

Agus an fheadhainn a bu mhiosa buileach, cha robh fàilte romhpasan ann an tìr Clàr an Aodainn idir agus cha robh dad aca ri dhèanamh ach blogaichean a chur air dòigh dhaibh fhèin.


No comments:

Post a Comment