Monday, 24 December 2012

Aithisg Bhliadhnail - Gilleasbuig agus na KPIs


Is e bliadhna dhùbhlanach ach aig an aon àm torrach a tha air a bhith ann do Ghilleasbuig agus a chuid ro-innleachdan  blogach.

Tha ath-sgrùdadh a chuireadh an gnìomh le in-sgrùdair nam blogaichean mu choileanadh liubhairt Plana Chorporra Ghilleasbuig air daingneachadh gu bheil 94% de na prìomh Chomharran Coileanaidh aige (KPIs) (29/31) air an rangachadh uaine (air an liubhairt), 97% air an rangachadh òmar (air an liubhairt no air an liubhairt ann am pàirt).


Rinn am Blog adhartas cudromach a dh’ionnsaigh structar ùghdarrasail a stèidheachadh gus stiùireadh ro-innleachdail a sholarachadh airson leasachaidhean blogadh Gàidhlig. Aig toiseach
gnothaich, chaidh Buidheann Comhairleachaidh Blogaidh a stèidheachadh air a dhèanamh suas à buidhnean a tha gu làithreach an sàs san obair seo. Rè ùine, stèidhich a’ Bhuidheann Comhairleachaidh buidheann obrach gus frèam-obrach a chruthachadh airson pannal blog-eòlaichean a stèidheachadh gus an roinn chudromach seo a stiùireadh agus planadh airson leasachaidhean a thaobh feumalachdan blogail san àm ri teachd. 


Tha Gilleasbuig a’ faicinn Stiùireadh Cunnairt mar phrìomh ghnìomh riaghlaidh ann an cuideachadh le dèanamh cinnteach gun coilean am Blog a chuid amasan agus a chinn- uidhe. Lean e air adhart a’ cumail sùil air cunnartan agus ag ath-bhreithneachadh clàran cunnairt a' Bhluig, gus:
  • Cuir às do chunnartan no cunnartan a lùghdachdh gu ìre ris an tèid gabhail;
  • Sùileachadh ri agus dèiligeadh le riatanasan caochlaideach reachdail, àrainneachdail agus sòisealta ... (ri leantainn ...)


Nollaig chridheil a chàirdean!


1 comment: