Monday, 3 December 2012

Dramatic growth in Bòrd na Gàidhlig’s social media outlets (it says here)

Mar a shoirbhich cho math le mygaelic.com 


Feb 2009 - mygaelic.com air a chur air bhòg, gus "ìomhaigh agus tuigse dheimhinneach den Gàidhlig adhartachadh agus cleachdadh is sgaoileadh na Gàidhlig a bhrosnachadh" (Bòrd na Gàidhlig, Aithisg Bhliadhnail, 2009-10)

March 2011 - "A review of mygaelic.com is ongoing" (BnaG Aithisg Bhliadhnail 2010-11)

An Iuchar 2011 - còrr is leth-mhillean not ga chosg air mygaelic.com gu ruige seo (fhuaradh am fiosrachadh seo a-mach às a' Bhòrd le cuideachadh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh)


An Fhaoileach 2012 - tha gnòthaichean mygaelic.com air a dhol glè shàmhach bho chionn ghoirid. "Cho-dhùin am Bòrd gum biodh e na b' fheàrr na goireasan againn uileadh a tharraing ri chèile gus àite nas feumail [sic]" - fear-labhairt a' Bhùird, freagairt puist-dealain pearsanta. 

Am faodadh e bhith gun robh e ciallachadh learngaelic.net??

Bha mygaelic.com a' dol a leantainn oirre "mar thasglann a-mhàin".
 
Deireadh 2012 - chan eil mygaelic.com ri lorg an àite sam bith air an eadar-lìon, tasglann ann no às. Siuthad, feuch e! 

Agus ann an Aithisg Bhliadhnail a' Bhùird 2011-12, chan eil guth sam bith air mygaelic.com. Ach tha sin OK, oir  

"We have seen dramatic growth in the numbers using Bòrd na Gàidhlig’s social media outlets and continue to update these on a regular basis". (td 18 dhen aithisg).
Iongantach!

3 comments:

  1. mobheurla.com? uill nam bheachd neo-chudromach fhèin nuair a thig e gu aon 's gu dha cha robh ann ach 500K dhan t-sitig

    ReplyDelete
  2. agus sin agad e bhuamsa a-nochd bidh mi air ais aig an aon am a-maireach.

    ReplyDelete