Sunday, 9 December 2012

Gilleasbuig agus na creative industries

'S toil le Gilleasbuig na creative industries, nuair a cheadaicheas an tìde dha:

Crannghal an t-Sabhail Mhòir: cnàmhan lom na Gàidhlig?

Mo shàth-ghal goirt
Mar tha mi a-nochd
Mu Chrannghail bhochd mo sgeòil;

Deagh shamhla na Gàidhlig,
Chan eil ris ach na cnàmhan;
Chan fhaicear gu bràth i fo sheòil.

Cha sinne a thoill
Beairt a rinneadh le Goill,
Gar mealladh le'm foill, 's le'n glòir;

Rachadh a' Ghàidhlig bàs,
Cha bhiodh guth air a càs;
Cha chluinnear ach "Fàs" bhom beòil.

A sròn air camhanaich na h-àirde
An ear, is ris an iar a cùl-thaobh;
Is fhada bho nach robh Gàidhlig
Far a bheil a cùrsa ga stiùireadh.



2 comments:

  1. Far am bi rannsachadh bi bearteas

    ReplyDelete
  2. Cha d'fhuair mi 'crannghal' 'sam bith 'sa Fhaclair Bheag agus bha feum orm mo choip Dwelly a chur sios 's mo speuclairean làidir a chur orm. An sin fhuair mi :

    Crannadhail s.f. Framework of a coracle; Any skeleton-like, odd contrivance.

    +Crannghail -e -ean s.f. Mast-rigging; Mortification; Pulpit; Lattices before the altar; Bow.

    Bitheadh 'odd contrivance' mo rogha 'nam measg-san, dé do bheachd fhéin?


    ReplyDelete