Sunday, 2 December 2012

Gu dè am feum a th' ann am Bòrd na Gàidhlig co-dhiù? (2008)

Chaidh am pìos seo choimiseanadh bho 'illeasbuig leis an Albannach ann an 2008.
Bha e ri fhaighinn air-loidhne, ach gu h-iongantach chan eil sgeul air an-dràsta, agus shaoil mi gur dòcha gum biodh ùidh ann a-rithist oir tha e cho iomchaidh agus a bha e riamh, saoilidh mi.


Gu dè am feum a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig co-dhiù?
NIALL MacRATH BEACHDAN BRIOSGLACH
The Scotsman, 26th July, 2008
 LEIG Mata MacÌomhair dheth a dhreuchd mar chathraiche Bòrd na Gàidhlig gus “cur ri leasachadh na Gàidhlig ann an dòigh tur eadar-dhealaichte”. Chan eil ach trì planaichean Gàidhlig air an suidheachadh aca gu ruige seo, agus tha fathannan ann mu throd am measg nam ball. Gu dè am feum a th’ann am Bòrd na Gàidhlig co-dhiù?
Glè bheag, chanadh cuid. An toiseach bha Bòrd na Gàidhlig (Alba) Earranta ann, an uair sin bha Bòrd na Gàidhlig ann. Dà chathraiche agus dà cheannard suas gu seo, agus dè a bhuil?
Tha feadhainn a’ cumail a- mach gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhèin ri choireachadh, ’s iad air quango a chur air dòigh a tha air a mhaoineachadh a dh’aona ghnothach le airgead nach eil idir gu leòr airson na h-obrach. Tha e fìor nach eil na tha BnaG a’ faighinn ach suarach – mu £4.4 millean ann an 2006-07 – ach coimhead na nithean air a bheil iad ga chosg. Anns a’ chiad àite, tha cha mhòr cairteal dheth a’ dol air tuarastalan agus cosgaisean BnaG fhèin.
San dàrna àite, tha e coltach uaireannan gun toirear airgead mar na sligean dhan a h-uile tachartas grod Beurla air a bheil gleans meallta Gàidhlig, ach nach eil idir Gàidhlig ’na gnè. Fiùs nuair sgrùdas sinn fear de na pròiseactan as fheàrr, fhuair Ceòlas £10,000 am-bliadhna – nise se nì aibhiseach math a th’ ann an Ceòlas ach, aig a’ cheann thall, tha e air a chumail tro mheadhan na Beurla.
An ann mar seo as fheàrr a thèid airgead na Gàidhlig a chosg? Chan fhaighear sgillinn ruadh leothasan a tha, air èiginn, a’ cumail a’ chànain beò saor an-asgaidh sa choimhear- snachd. Tha e coltach nach eil de rùn aig BnaG amas air cùisean a tha Gàidhlig gu an cùl.
Dh’fhaodadh e bhith g’eil Plana Nàiseanta BnaG “ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha sgoiltean làn-Ghàidhlig”; ach dhiùlt an ceannard ùr foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson a chuid cloinne an Inbhir Nis. Se am beul a labhras ...
Tha fhios gur h-e raon air leth toinnte cugallach a th’ ann an leasachadh cànain; agus gur h-e glè bheag de mhion-chànanan air feadh an t-saoghail a chaidh ath-bheothachadh riamh, ach a dh’aindeoin sin chaidh (agus gabhaidh fhathast) a dhèanamh.
Ge-tà chan eil e idir coltach gun do dh’ionnsaich am Bòrd heat bhon fheadhainn a shoirbhich thall thairis. “Tuilleadh air an dreasair ’s gun càil sam bith air a’ bhòrd”, mar a thuirt am fear shìos aig a’ pholl-mòna.

No comments:

Post a Comment