Thursday, 20 December 2012

Mo thruaigh Gàidhlig an Oilthigh Dhùn Èideann

Tha am blog seo toirt an aire gu bheil plana "Gàidhlig" aig alma mater Ghilleasbuig fhèin a-nise.

"Colaiste Leigheas Ainmhidhean" airson Colaist' a' Bheataireachd, anyone?

Summerhall, Dùn Èideann - seann làrach airson "Leigheas Ainmhidhean"



Beachd 'illeasbuig:

NO! Oilthigh Dhùn Èideann, noooooo ...




----------------------------

Agus a-nise:  Leabhar na Bliadhna

A' Cleachdadh na Gàidhlig - slatan-tomhais ann
an dìon cànain sa choimhearsnachd

Bha moladh mòr air an leabhar-sa aig an triùir dhaoine a leugh e gu ruige seo. Agus deagh lèirmheas san Albannach cuideachd. Trì aistean fichead, ceithir deug dhiubh sin sa Ghàidhlig leis na h-ùghdaran as ainmeile a thaobh Gàidhlig "high register" - dè eile roghnaicheadh sibh?

Ri fhaighinn aig Comhairle nan Leabhraichean, chan eil e ach £10 ...

Gum meal sibh e - gu seachd àraid td258-270!

3 comments:

  1. Chan eil mi a' tuigsinn dè a tha cearr leis an ainm . A rèir nam faclairean:

    * lèigh = a physician (doctor)
    * ainmidh = an animal
    * lèigh-ainmidhean = a vet (cf. German "Tierarzt")
    * leigheas = medicine (the subject)

    Mar sin dheth: leigheas ainmidhean = veterinary medicine.

    Tha sin a' dèanamh ciall, nach eil? Cha lorg mi am facal anns na faclairean. Is dòcha gur e beurlachas a th' ann?

    ReplyDelete
  2. A Chlaidheimh chòir, an cuala tu riamh an abairt sin ga chleachdadh?
    Bheireamaid sùil air beagan Gaidhlig mar a tha i ga bruidhinn:

    A physician = dotair
    an animal = beathach
    a vet = bheat
    medicine = dotaireachd

    "Bheataireachd" a chanas a h-uile duine nach do dh'ionnsaich a' Ghàidhlig a-mach à faclair air choireigineach!

    "Public documents are being translated into an official verbiage which is non-existent in the real world", mar a thuirt Brian Wilson

    ReplyDelete
  3. Chan eil mi dol leat, a Nèill. Chan eil dotair a' ciallachadh "physician", is e "GP" a th' ann. Tha ainmhidhean ga chleachdadh fhathast airson bheathaichean, agus chan e "dotaireachd" a chanas a h-uile duine airson "medicine" sa Ghàidhlig.

    ReplyDelete