Monday, 17 December 2012

Tuilleadh mu shàr-obair a' Bhùird


Och nan och, tha Gilleasbuig fo lèireadh, fhuair Aonghas Phàdraig a chàineadh bho mhuinntir Iomairtean Gàidhlig air facebook - far am faigh neach "poileataigs, connspaid agus strì!" (it says here) - airson leudachadh a rinn e sa Phàipear Bheag air blog 'illeasbuig "And these folk want to give us a Gaelic Language Academy" .

Nise, dh'fhaodadh e bhith gu bheil muinntir Iomairtean dha-rìribh a' strì airson na Gàidhlig ach cha bhiodh fios aig Gilleasbuig ged a bhiodh, oir tha e "blocked" a-mach mar a chanas iad. Am faodadh e bhith nach eil a' bhuidheann cho "open" sin?


Shaoil Gilleasbuig gun toireadh e seachad a-nochd sàr-eisimpleirean eile de Ghàidhlig a' Bhùird, no Gàidhlig "high register" mar a th'aig luchd-strì Iomairtean air, bhon  Aithisg Bhliadhnail 2011-12, ach dè math dha sin? Dh'fhaodadh neach sam bith an annas-làimh a lorg aig:

 http://www.gaidhlig.org.uk/Downloads/Aithisgean%20Bhliadhnail/Aithisg%20Bhliadhnail%202011-2012.pdf agus a fosgladh aig àite sam bith (gu seachd àraid na cunntasan).

Co-dhùnadh 'illeasbuig?


"Thoir dhuinn tuilleadh dhen a' Ghàidhlig "high-register" seo - oir 's fhèairrde duine gàire!"



Coming soon - Duaisean na Bliadhna!

No comments:

Post a Comment