Friday, 8 February 2013

Baker Prize: Coma leat 'illeasbuig, better luck next year

Am-bliadhna cha robh sàr-bhàrdachd 'illeasbuig àraidh air urram

Ochan ochan, cha robh bàrdachd 'illeasbuig ga meas àraidh air Baker Prize an Eilein Sgitheanaich am-bliadhna.

Às dèidh sin is na dhèidh, b'fhèarr leis na britheamhan gun duais Gàidhlig a thoirt seachad idir. Tha e coltach nach robh na farpaisich air am meas math gu leòr.

'Sann le Rody Gorman is Meg Bateman, na britheamhan, as fhèarr fhios.

Co-dhiù seo agaibh cothrom eile air fear dhe na h-oidhirpean neo-soirbhicheil aig Gilleasbuig fhaicinn:





Mo shàth-ghal goirt
Mar tha mi a-nochd
Mu chrannghail bhochd mo sgeòil;

Deagh shamhla na Gàidhlig,
Chan eil ris ach na cnàmhan;
Chan fhaicear gu bràth i fo sheòil.

Cha sinne a thoill
Beairt a rinneadh le Goill,
Gar mealladh le'm foill, 's le'n glòir;

Rachadh a' Ghàidhlig bàs,
Cha bhiodh guth air a càs;
Cha chluinnear ach "Fàs" bhom beòil.

A sròn air camhanaich na h-àirde
An ear, is ris an iar a cùl-thaobh;
Is fhada bho nach robh Gàidhlig
Far a bheil a cùrsa ga stiùireadh.


 *Obair-ealain neònach shios aig an t-Sabhal Mhòr

Chun ha h-ath-bhliadhna, ma tha! 

Gilleasbuig Aotrom is proud to be banned from Iomairtean Gàidhlig, "open" facebook group for "naidheachdan agus beachdan mu iomairt na Gàidhlig" (as long as the beachdan are not critical of the Gaelic establishment). "Mòran ga ràdh is beagan ga dhèanamh'


@GilleAotrom

2 comments:

  1. Tha smior ann an cnàmhan na Gàidhlig fhathast, 'lleasbuig!

    ReplyDelete
  2. Nach fheumar a-nise aoir a dheanamh air na britheamhan is a shadail a-steach airson an ath-bhliadhn' 'ille? Ged nach eil mi cinnteach an cosnadh tu càil a thaobh duaisean, 's mathaid gum faigheadh tu dhan a' West Highland...

    Ach nach eil fhios agad g'eil fada cus comhardadh is ruidheam a-sin son nua-bhàrdachd co-dhiù ;)

    ReplyDelete