Sunday, 3 February 2013

Gàidhlig 'high register' - just can't get enough? Leugh annas-làimhe 'illeasbuig ma tha!



Hiya chàirdean, cha chreid mi nach eil an saoghal gu lèir a-nise deiseil airson ...



Dìlseachd, Lughad agus Saor-thoileachas: moladh airson iomairt Gàidhlig a dh’fhaodadh obrachadh

(An clò an toiseach ann an "Cleachdadh na Gàidhlig", deas. Cox & Armstrong, 2011. 
Le cead Clò Ostaig)

Ro-ràdh

Tha còig bliadhna fichead bho rinneadh prìomh bhuidheann co-òrdachadh leasachadh na Gàidhlig de Chomunn na Gàidhlig.
A dh’aindeoin a h-uile iomairt a bha ann bhon uair sin gus an cànan a leasachadh, tha a’ Ghàidhlig a’ dol a dholaidh, mar a dhearbh an cunntas-sluaigh mu dheireadh ...
faic an còrr (aon dusan duilleag, tha eagal orm)

Gilleasbuig Aotrom is proud to be banned from Iomairtean Gàidhlig, "open" facebook group for "naidheachdan agus beachdan mu iomairt na Gàidhlig" (as long as the beachdan are not critical of the Gaelic establishment)


@GilleAotrom


3 comments:

  1. "Ach tha an suidheachadh air atharrachadh gu mòr bhon uair sin, chun na h-ìre far nach eil anns a’ bhaile ach aonan, a fhuair a’ Ghàidhlig bho ghlùin a mhàthar, agus mi fhìn, fear a dh’ionnsaich an
    cànan, a-mach à ochd taighean."

    Fhad 's a bha mi ann an Slèite eadar 2009-2011, bha mi eòlach air caileag, 18, à Cille Bhrìghde agus Gàidhlig mhàthaireil aicese. Sin an rud, chan e dìreach nach eil a' Ghàidhlig air a sìneadh sìos chun an ath-ghlùin,ach bidh a' chlann aig a bheil Gàidhlig a' falbh nuair a thig iad gu ìre. Feumaidh iad. Chan eil a dhà dhòigh air. Agus se sin an eaconamaidh, agus cruinneachaileas (globalisation). Mar sin, a thaobh Cille Bhrìghde, saoilidh mi gur e ceist na h-eaconamaidh, agus falbh nan daoine òga seach ceist sam bith eile.

    ReplyDelete
  2. Gilleasbuig: Cha chreid mi nach ann às Cille Bhrìghde, Uibhist a bhiodh i? Chan ann às Cille Bhrìghde an Eilein Sgitheanaich ...

    ReplyDelete
  3. Obh obh, a Mhoire Mhàthair, tha thu ceart. Sann à Cille Mhoire a tha i. Thug na "Cillean" car mu chnoc dhomh.

    Co-dhiù dè a' Ghàidhlig air globalisation? Domhanachadh? Cruinneachalas? Glòbalachadh?

    No "leisgeulachadh" airson cion maoineachaidh is geur-leanmhainn air a' Ghàidhlig san Eilean fad na 19mh linn gus an latha an-diugh fhèin?

    ReplyDelete