Wednesday, 20 February 2013

Historic praise for Gilleasbuig

Amadan glic an Eilein Sgitheanaich 

'S e eilean briagh th'anns an Eilean Sgitheanach. Tha aig gnàth-mhuinntir an eilein mothachadh geur air son fearas-chuideachd. Bha an t-eilean iomraiteach air son daoine ainmeil. Bha fear diubh - Gilleasbuig Aotrom - aig nach robh àite còmhnaidh suidhichte, ach a bha dol bho àite gu àite, anns an eilean. Ged nach robh a chiall uile aige, bha e glè thapaidh, 's fhuair e biadh, 's airgead le thapachd.

- Iain Tormod Domhnallach, "Sgeulachdan mu Ghilleasbuig Aotrom"


Cha robh cearn no baile de'n dùthaich anns nach robh
neach éiginn a chòmhnaidh a bha dol fo'n ainm "amadan". Bha na h-amadain sin de chaochladh gnè. Cuid diubh faoin, neochiontach, gun cheilg, mar an leanabh beag. Cuid eile dhiubh borb, seòlta, garg, agus crosda; agus mar a thachair do gach cearn eile de'n dùthaich, bha chuid fhèin aig Eilean-a-cheò dhiubh. 
Am measg amadan an Eilein air fad, dleasaidh "Gilleasbuig Aotrom" an t-ionad is àirde. Bheireadh amadain eile an Eilein an t-àite sin da, agus theireadh Gilleasbuig fhèin gu'n robh làn chòir aig' air.

- Niall MacLeoid, "Clarsach an Doire"


Nise, sin agaibh Gàidhlig high-register!


Gilleasbuig Aotrom is proud to be banned from Iomairtean Gàidhlig, "open" facebook group for "naidheachdan agus beachdan mu iomairt na Gàidhlig" (as long as the beachdan are not critical of the Gaelic establishment). "Mòran ga ràdh is beagan ga dhèanamh'

2 comments:

  1. Cùl a' Bhìogais22 February 2013 at 21:44

    Puing meadhanach ciallach... gu ìre - Bhiodh e glè mhath a' leithid de sgeulachdan an cruinneachadh ann an ath-fhoillseachadh air choireigin. Tha fiù 's a' leithid de sgeulachdan a bh'aig am Puilean 's e a' f(e)anaid air cuid à Nis airigh air an aon rud, is as aonais Gairm, chan eil cail a fhios cò as a thigeadh a' leithid sna laithean sa.

    ReplyDelete
    Replies
    1. Gu dearbh, bhitheadh. Ach saoil cò bhiodh ga leughadh sna làithean-sa?

      Delete