Monday, 25 February 2013

The wit and wisdom of the Gaelic Excellence Group



The Gaelic Excellence Group - "a’ tabhann fiosrachaidh mu eisimpleirean dhen deagh chleachdadh agus a' cruthachadh faireachdainn de dhealas" ... it's what they do

An t-seachdain-sa bha Gilleasbuig a' leughadh aithisg le:

Buidheann Sàr-mhathais Ghàidhlig a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais
agus chòrd e ris glan. Seo cuid dhe na 'highlights' a bu mhò chòrd ris:


Ro-ràdh 
Chaidh dleastanas a chur air a’ Bhuidheann Sàr-mhathais Ghàidhlig mothachadh a thogail air cudromachd cànain thar gach raon cuspaireil / curraicealach
an taobh a- staigh Curraicealam airson Sàr-mhathais, chan ann a-mhàin do na daoine òga a tha a’ frithealadh solar Foghlaim Tron Ghàidhlig (FTG) ach do mhuinntir na h-Alba gu lèir.
Hmmm ... er, dìreach, dìreach



Sàr-mhathas ann am foghlam na h-Alba (td 6)

Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar aig inbhe àrd am measg nan seudan as luachmhoire de dhualchas na h-Alba, agus a’ cosnadh mòran cliù: “na tarraing gun choimeas” na h-ùidh agus na cudromachd do luchd-eachdraidh, cànanaichean agus eòlaichean sòisealtais, luchd-ciùil, sgrìobhadairean is luchd-tadhail agus luchd-tadhail cultarach air feadh an t-saoghail, do dh’eòlaichean eaconamaidh, luchd-adhartachaidh agus luchd poilitigs an taobh a-staigh na h-Alba. 
Nise, tha e ri aithneachadh gur h-i fìor Ghàidhlig high-register tha seo, oir 's gann gu bheil Gilleasbuig bochd a' tuigsinn facal dhi.



Roghainn, solar agus adhbhar (td 20) 
Tha aon adhbhar ann gu bheil daoine a’ roghnachadh foghlam tron Ghàidhlig co-cheangailte ri dualchas, eadar gur e teaghlach, sgìre no Alba. Dh’fhaodadh na h-ìrean sin de dh’ùmhlachd don chultar Ghàidhlig a bhith beò còmhla, ag ath dhaingneachadh a chèile agus a’ cruthachadh faireachdainn de dhealas a thaobh ath-nuadhachadh a’ chànain.
Stop, stop! I can't take any more.




A chàirdean, an robh fhios agaibh a-riamh gun robh a leithid seo de bhuidheann ann? Cha robh no aig Gilleasbuig. Ach nach math gu bheil ... seo dàn beag le Gilleasbuig (a' chiad fhear):


Nuair a thèid sibh do'n Fhaclair
Nì sibh aithisg a bhios gleusda,
Bidh cuid di 'na Gàidhlig,
Is pàirt di 'na Beurla;
Bidh cuid di 'na h-Eabhra,
'Na Fraingis, 's 'na Ghrèigis,
'S a' chuid nach tuig càch dhi,
Bheir e gàir air fear aotrom.


Sàr-mhath!




@GilleAotrom




8 comments:

  1. A chàirdean, an robh fhios agaibh a-riamh gun robh a leithid seo de bhuidheann ann?

    F - Bha. Ach tuigidh mi gu bheil fada fada cus ùine aig cuid air an làmhan. Nisd, nam biodh obair aig Gilleasbuig.... is teaghlach...

    ReplyDelete
  2. Freagairt 'illeasbuig: Aha, here come the more poisonous trolls. Feuch a-rithist, neach gun urra a' tòiseachadh le F! Dh'fheumadh sibh na b'fhèarr na sin.

    ReplyDelete
  3. Uill tha mise air an aon ramh riut a bhalaich,
    A bheil iad a' togail airgid as son sgudal a tha seo? Tha e furasta faicinn carson a tha Gaidhlig a dol fodha.

    ReplyDelete
  4. Cùl a' Bhìogais2 March 2013 at 14:50

    Ged a tha thu ceart, tha puing eile a-seo air nach d'dh'aithris thu. Cha bhiodh seo cho dona a-sin, mura b'e gu robh gainnead de bhuidhnean Gàidhlig eile ann - ann an saoghal na Beurla, tha treallaich mar seo coitcheann is air a ghabhail ris.

    An àite bhith càineadh seo ann an saoghal na Gàidhlig, bu chòirear a bhith mothachail air an t-suidheachadh a tha leigeil dha nochdadh, agus mar nach eil a' Ghàidhlig sgrìobhte cho cumanta ann an gnìomhachais, poilitigs, an eadar-lìon, litreachais, m.s.a.a... ach tha i nochdte ann am foghlam is briathrachais an seirbhis catharra.

    ReplyDelete
    Replies
    1. Come on! Chan eil e na chùis-nàire a chionn's gu bheil e ann an 'officialese', ach a chionn's gu bheil e na gibberish. Air sgàth's gun deach an aithisg aca (Beurla air fad, tha fhios) a shadail air eadar-theangaire bochd (ris a bheil truas aig Gilleasbuig), nach robh faotainn tìde gu leòr no tuarastal gu leòr air a shon. Sàr bhumalaireachd, more like!

      Delete
    2. Cùl a' Bhìogais3 March 2013 at 10:38

      Ged a bhiodh sin mar a bhiodh - cha robh mi ag àicheadh gur e sgudal a bh'ann, ach dìreach g'eil feum air tuilleadh chothroman Gàidhlig a chleachdadh is a sgrìobhadh ma tha sinn son seo a sheachnadh.

      Delete
    3. Gilleasbuig: Gus an togamaid mothachadh, agus gus an cruthaicheamaid faireachdain de dhealas ... ?! ;-)

      Delete
    4. Cùl a Bhìogais6 March 2013 at 01:08

      Tha mise fhathast a' feitheamh air freagairt dhan cheist "Dè an ceangal eadar smachd innleachdail àr
      daichte agus dà-chànanas?"

      Delete