Sunday, 10 March 2013

Beagan Aotromachd

Ro-radh 

Ann am com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig agus a' Bhuidheann Gàidhlig airson Sàr-mhathais, tha e na thoileachas do Ghilleasbuig toirt seachad uinneag gun phrìs air saoghal nach ruigear tro bhlog sam bith eile.    



Bidh a' blog seo :



  • a’ tabhann fiosrachaidh mu eisimpleirean de dheagh chleachdadh agus modhan-obrach bho air feadh saoghal na sàr-amaideachd. 
  • a’ sònrachadh raointean airson leasachadh, gu h-àraidh iadsan aig a bheil comas air cur ris an amas a thaobh meudachadh nan àireamhan de amadain ghlice.
  • a' cleachdadh an fhacail "cudromach";
  • a’ meudachadh coileanadh agus euchd. 



Tha amaideachd tron Ghàidhlig a’ nochdadh an dà chuid co-theacsan airson sàr-mhathais a th’ ann mar-thà thar nan co-theacsan ionnsachaidh is cànain uile, a tha a’ cuideachadh le sàr-mhathas adhartachadh nas fhaide buileach agus ... Sguir dheth! Gu leòr dhen roimh-ràdh, get on with it! - an luchd-leughaidh



Gilleasbuig agus Fear-a'-Choire Part I



Aig dìnnear mòr a bh' aig na h-uaislean ann am Port Rìgh, aon uair:


"Cò às a thàinig thu mar seo, 'Illeasbuig?" 
 - Fear-a'-Choire 


"Mata, le ur cead, a dhaoine uaisle, thàinig mi à Ifrinn".
- Gilleasbuig Aotrom.


"Ubh, ubh, 'Illeasbuig, 's làidir a' chainnt sin. Agus dè mar a tha gnothaichean a' dol air an aghaidh 's an ionad sin?"
"Tha, Fhir-a-Choire, glè choltach ris mar a tha gnothaichean a' dol air an aghaidh  ann an seo fhèin - na daoine saibhir 'gan gabhail a-steach, 's na daoine bochda 'gan cumail a-muigh."



1 comment:

  1. Mar a tha, mar a bha agus mar a bhitheas

    ReplyDelete