Sunday, 31 March 2013

Gilleasbuig agus leasachadh buneagair (don’t ask)


An t-seachdain-sa tha ar n-aithrisear Màiri Seimpleir air ais, a’ toirt sùil air a’ cheist sin a th’ air aire mòran: leasachadh buneagair (le cuideachadh bho Ro-innleachd Nàiseanta na h-Ealain Gàidhlig, td10!)

Sin thu fhèin a Mhàiri …


Leasachadh buneagair le M. Seimpleir
Tha a’ bhuneagar ùr chultarach Ghàidhlig a th’ air nochdadh beag air bheag air seirbheisean blogaidh ùra a thoirt
gu coimhearsnachd na Gàidhlig agus air blogaichean Ghàidhlig a thoirt gu luchd-amais ùr ann an dòighean ùra. Tha seo air tabhartas cudromach a thoirt gu eaconamaidh bhlogach na Gàidhealtachd is nan Eilean co-cheangailte ri cruthachadh obraichean, tasgadh a-staigh, leasachadh ghnìomhachasan cruthachail agus turasachd a thuilleadh air a bhith ag àrdachadh càileachd na h-amaideachd sa choimhearsnachd.
Ach thoiribh an aire; bidh a’ bhuneagar thùsail seo a’ cur feum air tuilleadh daingneachaidh ma tha blogadh Ghàidhlig a’ dol a choileanadh a làn chomasachd a thaobh leasachaidh luchd-amais (gu sealladh orm, how much more of this can there be?).
Bheir an ro-innleachd ùr taic agus togaidh i air a’ bhuneagar chultarach a th’ ann mu thràth airson sàr-amaideachd ùr, a tha èifeachdach, buadhach (come on, we can get through this together) is seasmhach, a dhearbhadh is a stèidheachadh.
‘S e rannsachadh fianaiseachail, gnìomhachail a chomharraicheas feumalachdan, soilleireachadh a dh’obraicheas agus a bheir cothrom air blogaichean ùra is seasmhach bu chòir (not long to go now) a bhith san fheallsanachd. ’S e gu dearbh. Gun tighinn air amaideachd.
Co-dhùnadh (yes!)
‘S e roinn in-ghabhalach a tha a’ sìor fhàs am broinn amaideachd is cultar na h-Alba a th’ ann am blogaichean nan amadan glice Ghàidhlig, gu seachd àraid an fheadhainn Sgitheanach ...

Smaoineachdail! Ge b'r'ith dè th' ann an buneagair, 
tha e coltach gun deachaidh a leasachadh!


It is the policy of Gilleasbuig Aotrom that all rubbish will be gratefully accepted

No comments:

Post a Comment