Thursday, 18 April 2013

Gilleasbuig agus na Creative Industries vol. II

Rinn guest correspondent na seachdaineach, "Concerned Uibhisteach", an dàn seo:

"Cudromach" le Concerned Uibhisteach


Cudromach,Cudromach, tha h-uile nì cho cudromach
’Sa mhadainn 's anns  an fheasgair, air Rèidio nan Gàidheal.
Gach fear is tè cho cinnteach, 's cho barralach na'n dòigh 
'S 'ad 'toirt fianais air a Ghàidhlig,'s i cho Cudromach na'n glòir!


Ach coma leibh'sa  a' bhi g' èisteachd ri sgioba microphones,
'S gach aon dhuibh fo dheagh thurasdal, 's bidh sin Cudromach le cinnt!!
'S gur a Cudromach leam fhèin e, is coltach  g'ur facal  Cudromach tha ann
'S e Rèidio Gaelic fhèin thuig beò e, 's rinn fasan dheth n’ar cainnt!

Ach Cudromach! o! gu Cudromach!, tha mise fàs dheth seachd-searbh,
Aig [ainm air a tharraing o chionn comhairle lagha] gu'm bi e an còmhnaidh-s'aig luchd na Media na dhèidh;
Cudromach, Cudromach, tha h-uile nì cho cudromach
’Sa mhadainn 's anns an fheasgair, air Rèidio nan Gàidheal!




"Bàrdachd bhàighbrant is misneachail" - G. Aotrom, an t-Eilean Sgitheanach
                            

No comments:

Post a Comment