Friday, 31 May 2013

Coilltearan is clò-bhualadairean a' coimhead air adhart ris na h-aithisgean bhliadhnail

Can the Bòrd improve on last year's outstanding effort? 


Tha Gilleasbuig còir air bhioran a' feitheamh ri aithisgean bliadhnail na bliadhna-sa.

To whet the appetite mar gum biodh, seo feadhainn eile dhe na highlights a-mach às Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2011-2012:

"Gus crìoch a chur air a’ phròiseas a thaobh iomlanachd sgioba Luchd-obrach, chaidh latha togail-sgioba a chumail far an robh cinn-uidhe corporra agus targaidean coileanaidh air an ceangal gu dlùth ris na prìomhachasan ro-innleachdail ann am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig". (td9)
Ouch! Sounds painful ... 



"... tha am Bòrd dealasach a thaobh pròiseas leasachaidh agus feabhasachaidh le bhith a’ leasachadh shiostaman mar thoradh air ath-bhreithneachaidhean agus leasachaidhean buntainneach ann an deagh chleachdadh san raon seo:

          •   dèanamh cinnteach gu bheil prionnsapalan Stiùiridh Cunnairt air an neadachadh mar phàirt den phròiseas stiùiridh àbhaisteach" ... and so it goes on ... and on ... (td55, "Frèam Cunnairt agus Smachd")



              "Tha sinn air leantainn a’ cumail sùil air an fhiosrachadh a tha glèidhte air an làraich-lìn chorporra againn agus tha sinn air ùrachadh agus a’ cur ris mar a bhios iomchaidh" (td18). 
- Say what?!


Mar thoradh air ath-bhreithneachaidhean agus leasachaidhean buntainneach ann an deagh bhlog-chleachdadh, dh'fhaodadh sibh a bhith deimhinne às gum bi Gilleasbuig air ais an ath sheachdain.

No comments:

Post a Comment