Saturday, 11 May 2013

Sabhal Mòr Ostaig ga coimeas ri Ì Chaluim Chille (a rèir muinntir na colaiste)

SMO and the art of self-effacing understatement


“Tha lèirsinn, miann-adhartais agus nuadhas air a bhith nan comharran air an t-Sabhal Mhòr thairis air na ceithir deicheadan a dh’fhalbh agus tha iad fhathast follaiseach is sinn a’ gluasad air adhart leis an ath ìre leasachaidh, cruthachadh baile ùr air fearainn ri taobh dà làrach na colaiste [faic tuilleadh mun 'leasachadh' seo - Gilleasbuig]. Tha aon dhe na làraich sin air ainmeachadh às dèidh an naoimh Caluim Cille, a rinn Eilean Idhe na lòchran oideachaidh agus soilleireachaidh iomadh linn air ais. Tha daoine [cò iad? – Gilleasbuig] a’ coimhead air an t-Sabhal Mhòr san linn seo ann an car an aon dòigh sa bhathas ri Eilean Idhe bho shean
agus tha a’ cholaiste air pàirt de roile [?! ] Thriathan nan Eilean agus nan ceann-feadhna a ghabhail thairis mar mheadhan brosnachaidh nan ealan.”


- Proifeasair Boyd Robasdan, “Sabhal Mòr Ostaig 40th Anniversary Commemorative Supplement” (anns a’ Phàipear Bheag)


Beachd 'illeasbuig:

Seadh seadh, dìreach, rinneadh buaidh mòr orm fhìn le meadhan brosnachaidh nan ealan seo, a dh’ionnsaigh na creative industries a-rithist. Bu thoil leam meal-a-naidheachd a chur orm fhìn airson sàr-mhaitheis agus nuadhais anns an raon sgeuladaireachd goirid, car an aon dòigh sam biodh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair a’ dèanamh a chuid bàrdachd san linn aige fhèin, agus mòran daoine a’ dèanamh coimeas eadar e fhèin agus mi fhìn.
 Faic: Commemorating 9 glorious years of Gilleasbuig's memorable short story

3 comments:

  1. Chan eil d'cheangal aig an deireadh ag obair 'ille - tha mi'n dochas gur e petition a th'ann son roile Chaluim Chille a thoirt dhuibh p'fhein?

    ReplyDelete
    Replies
    1. Gu sealladh orm, cha robh Gilleasbuig a-riamh math le compiùtaireachd, mòran taing a Rob chòir airson seo thoirt am follais, tha mi an dòchas a-nise gun do chuir mi ceart e agus gum bi annas-laimhe 'illeasbuig measail aig mòran a-rithist, mar a bha bho riamh

      Delete
    2. Rob T Ruadh (le comas bearnan a chleachdadh a-nis)21 May 2013 at 17:14

      Moran taing a' bhodaich - Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair dha-riribh, 's cinnteach gum faigh thu air Leugh an Leabhar a-nis, is pacaid dhonn bho Comhairle na Leabhraichean.

      Delete