Saturday, 22 June 2013

Meal a naidheachd Alig Shalmond!

First Minister fails to convince on land reform, but wins prestigious Gilleasbuig award in process with this gem


Am prìomh mhinistear - only the finest pseudo-Gaelic
Shìos mun t-Sabhal Mhòr an t-seachdain sa chaidh, far nach tuirt e mòran mu ath-leasachadh fearainn, fhathast choisinn Mgr Salmond duais 'Illeasbuig airson "most unsayable soundbite na bliadhna"
leis an t-sàr eisimpleir seo (nach deachaidh idir sgrìobhadh dha le cuideigineach dhe na dotairean-snìomha anns an New Iona):


“Tha pròiseact na Cille Bige na eisimpleir iongantach de na dòighean anns an urrainn dhuinn fàs eaconamach a phiobrachadh air feadh na h-Alba, agus sinn aig an aon àm a’ gleidheadh ar coimhearsnachdan dùthchail agus ar cànanan tùsail san 21mh linn agus sna linntean às dèidh sin.
“Bidh na goireasan a thig às na leasachaidhean seo gu buannachd muinntir an Eilein Sgitheanaich agus thèid barrachd airgid a chur an seilbh san sgìre air an sgàth".
Nach èist sibh! Seo am pìos as fhèarr a' tighinn a-nise:
“Tha mar a tha a’ choimhearsnachd an sàs ann an dealbhachadh is lìbhrigeadh iomairtean eaconamach is sòisealta, a nì ath-nuadhachadh air sgìrean ionadail, riatanach do mar a shoirbhicheas leotha, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith tilleadh an seo sna mìosan a tha romhainn feuch am faic mi an t-adhartas a bhios ga dhèanamh".

Nise, tha Gilleasbuig còir air ùineachan is ùineachan a chur seachad a' studaigeadh seo, agus tha e follaiseach gur h-i Gàidhlig dhen register as àirde a th' innte. Tha e deimhinne às gun gabh a thuigsinn latha breagha air choireigin.


(Faic: SMO, Roinn Propaganda)

5 comments:

  1. 'S e an rud a bu toil leamsa fios fhaighinn - dè am pàirt den pholl-mhòna a th' anns an fhàd ud aig MacBhradain.

    ReplyDelete
  2. New Iona? Ainm ùr SMO? 'S dòcha.

    Ach dè eile a bha thu a' sùil ris, a Ghilleaspuig? Is tric a bhios firinn fad as bho na faclan, tha e coma an politisean thu neo croitear. Bidh an fhirinn glè gharbh.


    Sruth a' Chamuis

    ReplyDelete
  3. 'S e 'New Iona' a th' aig muinntir na colaiste fhein air an aite a-nise, a reir coltais (faic blog a bh'ann roimhe)

    ReplyDelete
    Replies
    1. Òbh òbh! Dè a chanadh Calum Chille?

      Sruth a' Chamuis

      Delete