Monday, 8 July 2013

'Illeasbuig chòir ... (Gilleasbuig's problems page)

"Nuair a thig a-màireach, thig comhairle" - abairt as toigh le Gilleasbuig

  • ''Illeasbuig chòir
Tha caraid dhomh a' faighinn tàire a' ruith colaiste mion-chànain, oir chan eil seasamh na mion-chànain sin ach lag agus is gann gu bheil greimeachadh aice san àite. Saoil dè nì mo charaid? 
- Name & address withheld for contractual reasons

Freagairt Gh. A. :
Tha sin soirbh. Dèan thusa cinnteach
gun tog do dheagh charaid mu cheud taigh timcheall, gun can e "baile nan creative industries" no rudeigin coltach ris agus gun reic e iad do dhaoine, math dheth ach gun fhacal na mion-chànain nan ceann, leis am bu mhiann tàmh ann an àite picturesque. Bu chòir village green a bhith ann, gus am bi am bail' ùr a' sìor-fhreagradh dhan sgìre timcheall.
San dòigh sin, bheir a' cholaiste sin fìor bhrosnachadh math dhan a' mhion-chànan, ga cumail aig cridhe gach leasachaidh. 

  •  'Illeasbuig chòir, 

Latha dhomh sa Chuilithionn chreagach chuala mi 'phìob mhòr ga spreagadh, nuallan cinne-daonna freagairt, an eanchainn 's an cridhe leagte. Sna làithean a th' ann, ged-tà, bithidh daoine gun ghuth Gàidhlig a' spùtadh a-mach nan PhDs mun bhàrdachd a rinneadh leam agus gun shùil aca ach air an tionndadh Beurla dhith. Saoil 'Illeasbuig dè ghabhas dèanamh mun seo?
- S. MacGill-Eain, aiteigineach ann an Uamha 'n Òir, Dùis MhicLeòid 

Freagairt Gh. A. :
'Ille, chomhairlichinn dhut gun na tionndaidhean Beurla dhèanamh tlachdmhor idir; dèan tioram is fuar-thanach iad, gus nach can umaidhean gun Gàidhlig the English translations changed my life.
Fuirich thusa mionaid ... rinn thu sin mar-thà dh'aona-ghnothach! Tha mo leisgeul ri ghabhail, 'ille, ach chan eil an còrr comhairle agam dhut ... 
Latha bh'ann do 'Illeasbuig sa Chuilithionn chreagach


  • ''Illeasbuig chòir
" 'S fhèarr a bhith a dhìth a chinn, na bhith a dhìth an fhasain". Ach a bheil fhios aig fear a' pholl-mòna air facail a' ghliocais sin? Tha sinn fada feitheamh ri fashion statement bhon a' mhuinntir sin, saoil a bheil dad sam bith agad a thaobh buan na mòna le, can, triùir leth-shean fhear agus deiseichean snasail orra?
- Dòmhnall is Màiri, Las Vegas







“Tha Gilleasbuig Aotrom ag aithneachadh gu bheil blogadaireachd Gàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas, de dhearbh-aithne nàiseanta agus de bheatha chultarach na h-Alba”
- Plana Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu 'Illeasbuig

1 comment:

  1. Mo chreach 's a thàinig! Abair èibhinn!


    Sruth a' Chamuis

    ReplyDelete