Saturday, 24 August 2013

Sàr-obair 'Illeasbuig a' faighinn moladh mòr ... agus sanas-obrach na seachdaineach



Gilleasbuig Aotrom - winning hearts and minds is what he does

An t-seachdain-sa tha annas-làimhe 'Illeasbuig ri fhaicinn an seo air Bella Caledonia.

Gum meal sibh e! Ach bithibh gentle with him ...





Sùil air na pàipearan-naidheachd

Tha sàr-ionad na Gàidhlig a' sireadh cuideigineach airson ... er ... dè?

"Tha sinn a' sireadh neach le comasan aig àrd-ìre agus le eòlas farsainneann a bhith a' cur an gnìomh ro-innleachd, a' cur an sàs phoileasaidhean, a' stiùireadh luchd-obrachagus a' leasachadhis ..." and so it goes on.

Ach saoil a bheil an luchd-obrachagus ('s fhìor thoil le Gilleasbuig am facal sin) shìos ann an Eastwick Big Barn deònach a bhith air an stiùireadh? Sin a' cheist!

2 comments:

  1. Cothroman Obrach

    Stiùiriche Leasachadh Buidhne agus Gnothachais

    Tha sinn a’ sireadh neach le comasan aig àrd-ìre agus le èolas farsainn ann a bhith a’ cur an gnìomh ro-innleachd, a’ cur an sàs phoileasaidhean, a’ stiùireadh luchd-obrach agus a’ leasachadh is a’ cur ri èifeachd sgioba luchd-obrach. Bidh uallach air an neach airson a bhith a’ meudachadh gnothachais, a’ leudachadh margaideachd agus a’ stiùireadh chùisean sgiobachd.

    Bidh an neach a thèid dhan dreuchd mar phàirt de sgioba stiùiridh na Colaiste agus ag obair gu dlùth leis a’ Phrionnsapal ann a bhith a’ ruith an Ionaid bho latha gu latha.

    Bidh e/i a’ stiùireadh aon de cheithir roinnean an Ionaid agus a’ ceangal ri chèile na diofar thaobhannan de dh’obair na Colaiste.

    Tuarastal: £45-50k a rèir eòlais, sgilean is theisteanasan an neach.

    Deagh thurastal...dè a' bhuidheann a tha iad gu bhith a' leasachadh? Gur math a thèid leotha.

    ReplyDelete
  2. Bhiomaid na b'fhèarr dheth nan robh sibh a' dèanamh proof-reading MUS deachaidh an sanas fhoillseachadh, fhir no tè gun urra!

    ReplyDelete