Sunday, 22 September 2013

Gilleasbuig còir a' sìneadh a-mach làimh-cuideachaidh do mhuinntir Shoillse


  • Rannsaich seo! Soillse/UHI advertise for something-or-other, but don't bother to proofread their ad


    Bha e na thlachd do 'Illeasbuig an sanas-obrach seo fhaicinn air-loidhne, agus shaoil leis gum biodh e cho math beagan cuideachadh a thoirt dhaibh a thaobh na Gàidhlig, nuair a cheadaicheadh an tìde dha:

    "Tha pròiseact Shoillse a’ cur air adhart goireas susbainteach rannsachaidh gus poileasaidh poblach fhiosrachadh a thaobh Gàidhlig na h-Alba. Tha an iomairt
    a’ tachairt taobh a-staigh sgeama Maoin Fàire Taic-airgid Leasachadh Rannsachadh Ro-innleachdail (TLRR) Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba. [I defy anyone to read that last sentence aloud - Gilleasbuig]. Tha gnìomhan is toraidhean a’ togail air, a’ co-obrachadh le is a’ sgaoileadh eòlais do dh’oidhirpean a tha am bith(?) mar-thà gus cànain is cultair na Gàidhlig a ghlèidheadh is ath-bheothachadh".

    Cò iad na dleasdanasan a bhios aig an neach-obrach àrd-ìre seo, ma-tha? 

    "Ceannas a thoirt dha luchd-obrach rannsachaidh an oilthigh air fad a tha ag obair air glèidheadh is ath-bheothachadh na Gàidhlig, a’ cuideachadh ri cultar làidir dèanadach rannsachaidh a leasachadh, a' cuideachadh le oileanaich rannsachaidh fhastadh is sùil a chumail orra, tagraidhean làidir a leasachadh airson maoin rannsachaidh fhaighinn, agus a' cuideachadh le rannsachadh co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh air stèidh nàiseanta, Eòrpach is an t-saoghail" Eh?!



    Ach thoiribh an aire! Feumaidh 'cliù dhearbhte' bhith agad ann an:


    • "Molaidhean soirbheachail airson maoineachadh susbainteach rannsachaidh bhon taobh a-muigh, agus mar thoradh orra, stiùradh [sic] soirbheachail de phròiseactan rannsachaidh, aig a’ char as fheàrr [sic] pròiseactan rannsachaidh thar-nàiseanta agus /no thar-ionadan"

    Agus feumaidh sibh a bhith:
    "Comasach air eòlas fiosrachaichte [sic] is sgil a shealltainn ..." 

    Agus tha fhios gu feum seo bhith aig an tagraiche soirbheachail:

    "Sgil chonaltaidh [sic] dha caochladh sheòrsaichean luchd-èisteachd".

    Shaoileadh sibh gun robh sin dona gu leòr, ged-tà chan fhaca sinn heut fhathast:

    "Nuair a tha tagraichean a’ crìochnachadh na geàrr-aithris air eòlais bhitheadh sinn bhiomaid nar(?) comain [obliged to ourselves?] nan toireadh sibh iomradh air ciamar a tha sibh a' coileanadh nan comasan deatamach agus miannaichte a tha air an ainmeachadh anns an t-sònrachadh pearsa [sic] agus cuideachd nan toireadh sibh mion-fhiosrachadh a thoirt air na comasan agus an t-eòlas a thoireadh sibh dhen dhan dreuchd còmhla ri beachd air ciamar a thigibh agaibh amasan a’ phròiseict a choileanadh".
        


    • Seinneamaid a-nise, air fonn "Ally's Tartan Army":


      Tha sinne a’ caismeachd leis a’ Ghàidhlig
      Tha sinne a’ leasachadh ’s a fàs,
      Oir tha an Sgrùdadh ùr
      O Shoillse às an Tùr
      A’ dearbhadh dhuinn nach d’fhuair a’ Ghàidhlig bàs!

      (Le taing do APC)



      Sin sibh fhèin, a mhuinntir Shoillse! Tadhailibh a-staigh uair sam bith a bhios ceist oirbh!




      @GilleAotrom



3 comments:

  1. Tha 'cànain' ann is stèidhichte: http://www.faclair.com/ViewDictionaryEntry.aspx?ID=90C32369E79D3796222A2D3646A22640
    (Is e a bh' aig Uillie MacMhàthain, agus i boireannach).

    Fheàrr - sin mar a chaidh ionnsachadh dhomh - cuin a chaidh sràc a thoirt farr an 'a'?! Is e 'fheàrr' a bhitheas LibreOffice fhathast a' cleachdadh.

    Ach, àidh, dh'aontaichinn leibh a-thaobh fheumalachdan luchd-deasachaidh!

    ReplyDelete
  2. 'fhèarr' a th'ann, ann an Gàidhlig bhàighbrant 'Illeasbuig!

    ReplyDelete
  3. Doirbh creidsinn gu bheil an leithid a' tachairt....

    ReplyDelete