Thursday, 18 April 2013

Gilleasbuig agus na Creative Industries vol. II

Rinn guest correspondent na seachdaineach, "Concerned Uibhisteach", an dàn seo:

"Cudromach" le Concerned Uibhisteach


Cudromach,Cudromach, tha h-uile nì cho cudromach
’Sa mhadainn 's anns  an fheasgair, air Rèidio nan Gàidheal.
Gach fear is tè cho cinnteach, 's cho barralach na'n dòigh 
'S 'ad 'toirt fianais air a Ghàidhlig,'s i cho Cudromach na'n glòir!


Ach coma leibh'sa  a' bhi g' èisteachd ri sgioba microphones,

Sunday, 14 April 2013

Gilleasbuig salutes the achievements of Soillse

Neach-rannsachaidh Gilleasbuig a' rannsachadh na tha de rannsachadh a rannsaich a-mach Soillse gu ruige seo

Chaidh pròiseact Soillse a chur air bhog ann an 2009.

Stiùiriche a' phròiseact Rob Dunbar:
"Bha dà rud mòr san amharc an toiseach: a' togail comasan-rannsachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd gu h-àraid, agus lìonra luchd-rannsachaidh a chur air chois a' gabhail a-steach luchd-rannsachaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus oilthighean eile ... a bharrachd air an rannsachadh fhèin, bhathas an dùil gum bithear a' togail comasan rannsachaidh cuideachd. Ged a tha rannsachadh air a bhith againn thairis air na bliadhnaichean a thaobh phoileasaidhean Gàidhlig agus rudan ceangailte ri sòisio-chànanachas, bhathas dhen bheachd nach robh lìonraidhean gu leòr ann de luchd-rannsachaidh, agus nach robh luchd-rannsachaidh gu leòr ann ..."

Toraidhean rannsachadh luchd-rannsachaidh Shoillse bhon uair sin, a rèir an làraich aca fhèin:

2010: Er, moving right along ...