Friday, 31 May 2013

Coilltearan is clò-bhualadairean a' coimhead air adhart ris na h-aithisgean bhliadhnail

Can the Bòrd improve on last year's outstanding effort? 


Tha Gilleasbuig còir air bhioran a' feitheamh ri aithisgean bliadhnail na bliadhna-sa.

To whet the appetite mar gum biodh, seo feadhainn eile dhe na highlights a-mach às Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2011-2012:

"Gus crìoch a chur air a’ phròiseas a thaobh iomlanachd sgioba Luchd-obrach, chaidh latha togail-sgioba a chumail far an robh cinn-uidhe corporra agus targaidean coileanaidh air an ceangal gu dlùth ris na prìomhachasan ro-innleachdail ann am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig". (td9)
Ouch! Sounds painful ... 

Tuesday, 21 May 2013

Fòghnaidh na dh'fhòghnas (grammarian's corner na seachdaineach)

A' fàsachadh na Gàidhlig

No languages other than Gaelic were harmed in the making of this photograph


Cò às a thàinig an sluagh-ghairm coimheach seo? The Gaelic Excellence Group?

Saturday, 11 May 2013

Sabhal Mòr Ostaig ga coimeas ri Ì Chaluim Chille (a rèir muinntir na colaiste)

SMO and the art of self-effacing understatement


“Tha lèirsinn, miann-adhartais agus nuadhas air a bhith nan comharran air an t-Sabhal Mhòr thairis air na ceithir deicheadan a dh’fhalbh agus tha iad fhathast follaiseach is sinn a’ gluasad air adhart leis an ath ìre leasachaidh, cruthachadh baile ùr air fearainn ri taobh dà làrach na colaiste [faic tuilleadh mun 'leasachadh' seo - Gilleasbuig]. Tha aon dhe na làraich sin air ainmeachadh às dèidh an naoimh Caluim Cille, a rinn Eilean Idhe na lòchran oideachaidh agus soilleireachaidh iomadh linn air ais. Tha daoine [cò iad? – Gilleasbuig] a’ coimhead air an t-Sabhal Mhòr san linn seo ann an car an aon dòigh sa bhathas ri Eilean Idhe bho shean

Saturday, 4 May 2013

Unpronounceable Gaelic signage vol. XIX

soidhne air a faicinn ann am Port Rìgh

Beachd 'illeasbuig?

"SPASD! 'S fhìor thoil leam e, mòran nas fhèarr na 'SGiRPID', an dòigh Beurla"