Friday, 20 December 2013

Gaelic establishment's dynamic response to census findings

 Na press-releases a b' fhèarr le Gilleasbuig ann an 2013 - Part I


Nach tig sibh co'ri Gilleasbuig còir, gus sùil a thoirt air feadhainn dhe na brathan-naidheachd a bu mhò chòrd ris thairis air a' bhliadhna?


The census results were worrying.  First off the mark, the Bòrd's press release shared our pain - er ...
“Toraidhean dòchasach don Ghàidhlig sa Chunntas-sluaigh 
Tha Bòrd na Gàidhlig toilichte fhaicinn gu bheil Sgaoileadh 2 de thoraidhean Cunntas-sluaigh 2011 a’ sealltainn gu bheil an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba - 58,000* - cha mhòr air fuireach aig an aon ìre agus a bha i ann an Cunntas-sluaigh 2001. ’S e clach-mhìle chudromach a tha seo don Ghàidhlig ann an Alba, agus e a’ sealltainn nach bu chòir gabhail ris a’ bheachd gun tig crìonadh gun abhsadh air a’ chànan, agus tha e a’ sealltainn cuideachd gun gabh a’ chuibhle tionndadh ’s dòcha …”

Sunday, 8 December 2013

Gilleasbuig: 50 glorious blogs - the critics rave

Tha bliadhna an amas bhon chiad uair a-riamh a chaidh sàr-bhlogadaireachd 'Illeasbuig a chur air bhog.

We've all passed a lot of water under the bridge bhon uair sin, mar a chanas iad. 

Nach math gu bheil piseach air tighinn air cor na Gàidhlig bhon uair sin. Cha leag sinn a leas ach coimhead air an lùghdachadh de 2.2% airson fianais air mar a tha a' chànan a' fàs. Nise coma leat fèisism, coma leat planaichean còig-bliadhna. Tha fhios gum biodh cùisean gu math eadar-dhealaichte mura robh Gilleasbuig còir air na sgilean-blogaidh aige fhèin a ghleusadh.