Friday, 28 February 2014

Gilleasbuig finds decent Gaelic translation shock! Quangoteers, it can be done!

(Ach an uair sin, laigh a shùil air Plana Chorparra Hysterical Scotland …)

Mar a bhios fios ro-mhath agaibh, a luchd-leughaidh chòir, tha e mar fhasan do 'illeasbuig tadhail a-staigh air na làraich quango-tastic Gàidhlig as ùire a tha ri'm faotainn air an interweb thingy, agus is iomadach lachan gàire a thug iad air (agus oirbh-se) thairis air na
bliadhnaichean.

Cha robh, ma thà, dùil sam bith aige ris na bileagan "goireasan do thidsearan" aig Alba Aosmhor a tha gu h-iongantach math [Gilleasbuig: Did I just say that?]  

Saoil cò rinn iad? Gilleasbuig thinks we should be told!

Chan eil iad idir làn dhen a' chalque, agus chòrd iad ris glan, gu seachd àraid an fheadhainn a tha buntainn do Ar-a-mach nan Seumasach - Caisteal Corr Garaidh agus mar sin air adhart. (Ged a tha Gilleasbuig a' caoineadh nach do cleachd iad "Cladh na Muice", seann ainm airson Balla Antonine).


'S t-fhiach a leughadh

Gilleasbuig:
"I take back everything I ever said about the quangocracy. Fuirich oirbh - seo ceangal dhan a' Phlana Chorparra  aca … Aaaargh! Normal service has been resumed"

Tha iad mothachail gu bheil ùidh aig mòran luchd- pàirteachaidh ann an àrainneachd eachdraidheil  Zzzzzzz ...















A spokesperson for Historic Scotland said:
"We would like to humbly apologise for the inexplicable outbreak of intelligible Gaelic in our site leaflets, and have hundreds of engineers in the field as we speak working hard to rectify the problem".


@GilleAotrom 


No comments:

Post a Comment