Thursday, 27 March 2014

'Draft Guidance on Language Plans' - another great leap backward

Tuilleadh phlanaichean Gàidhlig còig-bhliadhna, sin a tha dhìth oirnn gun teagamh  


Tha e coltach gu bheil e na thoileachas do Bhòrd na Gàidhlig an dreachd seo dhen "Stiùireadh airson a bhith [sic] dealbh phlanaichean Gàidhlig" a chur air ar beulaibh.

"Chuireamaid fàilte air ur beachdan", tha iad ag ràdh rinn.


Gilleasbuig:
Gu sealladh Sealbh orm, càit' an tòisich mi? 



"Ann a bhith dealbh na dreachd ùir den Stiùireadh, ghabh Bòrd na Gàidhlig an cothrom feum a dhèanamh de na dh’ionnsaich sinn agus den eòlas a fhuair sinn bho na phlana cànain nàiseanta Ghàidhlig Gàidhlig a chaidh ullachadh thuige seo …" - Iain Caimbeul, Cathraiche, san ro-ràdh aige

Sin agad e dìreach, cho ciallach sa ghabhas!




Gu dè air thalamh?? Tairsgeir for-ghnìomhach, 's dòch?
Agus dè as ciall do for-ghnìomhach co-dhiù?






"LEASACHADH A’ CHORPAIS [td17]

"Tha leasachadh corpas a’ chànain air aon de na prìomh bhun-bheachdan airson dealbhachadh cànain air an toirear iomradh san earrainn seo. Tha am facal “corpas” a’ ciallachadh, gu litireil, “corp” a’ chànain agus mar a chuirear ri sin agus mar a chleachdar e ann an dòigh chunbhalach. Chaidh tòrr obrach a dhèanamh ann an raon an fhoghlaim gus briathrachas, gràmar is inbhean cleachdaidh a chruthachadh a tha cunbhalach. Mar sin, tha e deatamach gun cùm planaichean Gàidhlig ris na h-aon inbhean, a nì cinnteach gum bi iad a’ leantainn nan aon mhodhan a gheibhear ann am foghlam "

Zzzzzz … er … Oh aye, na h-inbhean cleachdaidh sin a tha cunbhalach … coma leibh Gàidhlig mar a tha i ga bruidhinn! "Corp" na Gàidhlig dha-rìribh!

Wait for it! - "Leasachadh" corpas na Gàidhlig an-dè




Tionndamaid  a-nise gu td58, "Dearcnachadh":



Whoops! Missed a bit


Gilleasbuig: Good to see the Bòrd's commitment to the great English language first and foremost is undimmed!




Beachd 'Illeasbuig:

Coma leibh planaichean cànain, carson a chuir am Bòrd às do neo-eisimeileachd ChnaG? That was never part of the plan!

@GilleAotrom



No comments:

Post a Comment