Thursday, 24 April 2014

Làrach-lìn na seachdaineach: CeangalG

CeangalG - all about improving the effectiveness of public agency support of Gaelic, or something  


A luchd-leughaidh chòire, saoil am faca neach sam bith nur measg an làrach-lìn seo? Tha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leis.






"Co dhiubh a tha sibh ag iarraidh a bhith comasach air fàilte a chur an luchd-aoigheachd no air an luchd-chleachdaidh agaibh ann an Gàidhlig no a tha sibh ag iarraidh an cànan a chur air an làrach-lìn no air stuth-sanasachd agaibh, thigibh an seo gus taic luachmhor fhaighinn."

Gu dearbh fhèin chaidh Gilleasbuig ann às ur leth agus tha iomadach nì annasach aca an-sin. Mar a tha fon a' cheann Ceangal nam Meadhanan :
"Aonan de na dòighean as èifeachdaiche gus a’ Ghàidhealtachd Choitcheann a thoirt gu buil, is e feum a chur air na meadhanan agus iad a’ leudachadh fad na tìde gus an sgeul againn aithris ann an seagh nas fheàrr. Is e atharrachadh na thathar ag aithris bho aithris le cuideam air pobail chànanan a’ crìonadh gu sealltainn air na thathar a’ dèanamh agus na ghabhas toirt gu buil a’ cleachdadh nan goireasan as ùire air a bheil cothrom againn an dùbhlan as motha an lùib pròiseact CeangalG".

Chòrd an ceangal choimhearsnachdan ri Gilleasbuig buileach glan



Tha dòrlach ann a chòrdas ri luchd-ealain :
"Bidh cruthachadh Gailearaidh air an Lìon gus brod saothair luchd-ealain na Gàidhealtachd Choitcheann a thaisbeanadh air aonan de na rudan as cudromaiche a bheir CeangalG seachad. Tro na linntean, tha coimhearsnachdan na Gàidhealtachd ann an Alba is ann an Èirinn air a bhith an eisimeil air an luchd-ealain aca, an cuid bhàrd agus sheanchaidhean airson ìomhaighean suaicheanta nan togail-inntinn, bàrdachd làn faireachdainn agus sgeulachdan drùidhteach".  

Bha tachartas mòr aca, "dà latha na togail-inntinn" thall an Tìr Chonaill:
“B’ e amas na co-labhairt gnìomh a spreagadh agus toirt air daoine beachdachadh ann an dòighean ùra mun dòigh as fheàrr gus ar sgeul a reic” thuirt Concubhar. “Chaidh a’ cho-labhairt a chur ri chèile a rèir seo le òraidean nan togail-inntinn bho eòlaichean is luchd-cleachdaidh agus buidhnean-obrach an uair sin gus daoine a threòrachadh air an rathad cheart agus anns an dealachadh gairm gu gnìomh.” 
- Manaidsear-margaideachd CheangalG Conchubar Ó Liatháin




Agus cò iad an fheadhainn a chuir an làrach aibhiseach seo air dòigh? 

"Tha CeangalG na phròiseact ga mhaoineachadh le Aonadh na h-Eòrpa, air a bheil an ceannas oilthigh na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig."  

Bha Bòrd na Gàidhlig, MGAlba agus Riaghaltas na h-Alba an sàs cuideachd.



Gilleasbuig:
Càit' a bheil Eòlaichean-tadhail Urramach na Tionnsgalachd nuair a tha feum againn orra?




Gilleasbuig Aotrom would like to thank all his past and present content providers 
for their unending flow of rubbish high-register Gaelic.
Cha dhèanadh neach suas e.

No comments:

Post a Comment