Monday, 25 August 2014

Cò shaoileadh e - tha deò ann an litreachas Gàidhlig fhathast


Bha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan nuair a fhuair e copaidh dhen a’ leabhar bhàrdachd “Deò”, le Marcas Mac an Tuairneir. ’S fhada bho sguir Gilleasbuig a leughadh bàrdachd ùr Gàidhlig, oir cha robh e faighinn tlachd sam bith aiste. Ach ’s e ceòl de sheòrs’ ùr a tha seo.




Chòrd e ris nach eil coltas idir air bàrdachd Mhic an Tuairneir gun deach a dèanamh sa Bheurla an toiseach, nì a chithear gu bitheanta ann am bàrdachd ùr “Gàidhlig” an latha an-diùgh. Tha e ri aithneachadh, shaoil Gilleasbuig, gur h-e neach-ionnsachaidh neo-chumanta a tha seo a tha cur sùim ann an Gàidhlig mar a tha i ga bruidhinn fhathast leis an luchd-dùthchais deis-bhriathrach. Nach math gu bheil e ag amas air a’ Ghàidhlig sin.

Tha farsaingeachd de chuspair agus de stoidhle ri fhaotainn an seo, ach ’s e fear a th’ ann an Gilleasbuig leis an toil rainn dhen t-seann nòs, neo ceathramhan, agus ’s iad “Sluagh-ghairm” agus “Fèill an Loghainn” a bu mhò a chòrd ris. Chuir iad sin an cuimhne ’Illeasbuig feadhainn dhe na dàin as fhèarr a rinneadh le Somhairle MacGill-Eathain, bàrd eile leis am bu toil “na slabhraidhean a bhith air”, agus a bhiodh a’ lìbhrigeadh a chuspairean radaigeach tro mheadhan nan quatrains. Tha e ri aithneachadh gun robh am bàrd òg seo air a bhogadh ann am bàrdachd Shomhairle agus tha a bhuil ri fhaicinn na chuid bàrdachd fhèin, saoilidh Gilleasbuig.

Ann am “Fèill an Loghain” tha e feuchainn ri nì gu math geur-innleach a dhèanamh, as dòcha nach gabh a dhèanamh ann an còmhradh àbhaisteach, ’s e sin, a chuid fhaireachdain mun dualchas Shasannach aige chur an cèill agus a rèiteachadh leis an dualchas ùr Albannach aige. ’S fhìor thoil le Gilleasbuig an t-àrd-amas aige.

“San là an-diugh tha ar sgrìobhaichean balbh” tha e ’g ràdh ann an Sluagh-ghairm. Nise is fhada bho bha Gilleasbuig a’ dol leis a’ bheachd sin, ach seo fear air nach eil coltas eagail sam bith a ghuth a thogail, agus tha moladh mòr aig Gilleasbuig air.


@GilleAotrom



No comments:

Post a Comment