Thursday, 11 September 2014

BBC Alba - a' toirt Gàidhlig thugainn tro mheadhan na Beurla

Channel continues to impose English on Gaelic speakers

Well a chàirdean, bha moladh mòr aig a h-uile duine air BBC Alba an t-seachdain-sa.

Chaidh an làrach-lìn math sa chur air dòigh gus na th'ann dhen a' Bheurla air Banalba a shònrachadh, agus am milleadh a tha sin a' dèanamh.

An uair sin chaidh na leanas fhoillseachadh ann an colbh Aonghas Phàdraig Chaimbeul sa Phàipear Bheag.
Tha Gilleasbuig còir ga thoirt thugaibh, bho nach do nochd e idir air-loidhne ann an m.e. Iomairtean Gàidhlig High-register (buidheann 'fosgailte' facebook - yesterday featuring!! "Seòmar Gàidhlig aig Oilthigh Dhùn Èideann airson oileanaich, luchd-obrach agus muinntir na coimhearsnachd? Cuiribh ur beachdan a-steach dhan cho-chomairle [sic], fosgailte a-nis!").


WHFP, 5th Sept

"B’ E AN dol a-mach aig BBC Alba (fo stiùir MG Alba) an cuspair eile air an robh mi sgrìobhadh an t-seachdain-sa chaidh, ag ràdh cho saraichte agus a tha e an aon t-Sianal Bheag Gàidhlig a th’againn a chur air agus sruthan mòra Beurla dòirteadh aiste, eadar aithris agus fo-thiotalan.

"Dh’ainmich mi anns an dol seachad Am Putan Dearg agus an ceum ùr a tha MG Alba dol a ghabhail le bhith dol a chur aithrisean slàn Beurla air an t-sianail a dh’fhaodas neach sam bith a thaghadh ma tha iad ag iarraidh. Mar nach eil Beurla gu leòr oirre cheana!

"Tha an goireas ùr air a reic mar chothrom agus chan ann mar chunnart, agus mar rud a tha daoine “saor airson a thaghadh” seach rud a thèid a sparradh orra. Aidh, well. Tuigidh mi sin gu ìre, anns an t-saoghal da-rìreabh anns a bheil sinn, faodaidh tu bhith cinnteach gur e am Putan Dearg a bhios na chiad thaghadh. Chan ann a-mhàin do dheagh chuid dhe na Gàidheil fhèin, ach gu slàn cinnteach anns na dachaighean far nach eil ann ach aon neach le Gàidhlig agus an còrr le Beurla.

"Can fhèin teaghlach dà-chànanach a tha suidhe sìos oidhche Haoine choimhead an rugbaidh air BBC Alba: eil thu smaoineachadh airson mionaid nach e an fheadhainn aig nach eil Gàidhlig a gheibh an dòigh fhèin? Carson a shuidheadh iad an-sin còmhla agus cuid aca gun tuigsinn nuair a dh’fhaodadh iad uile a’ Bheurla thuigsinn? Putaidh iad am putan dearg agus siud a’ Bheurla agad feadh an t-seòmair.

"Aig a' cheann thall tha seo uile a’ ciallachadh gu bheil airgead poblach a chaidh a thoirt seachad airson telebhisean Gàidhlig gu bhith air a chleachdadh airson seirbheis Bheurla a leudachadh air an t-sianal Gàidhlig. Agus aon uair gun tachair e ann an Rugbaidh, carson nach tachradh e ann am Ball-coise, agus ann an Iomain, agus air gach mac-màthair prògram eile?

"O, tha fhios ’am glè mhath gun tèid a reic mar “Chothrom” agus mar obair shoisgeulach a-chum nan cinnich, mar gum bitheadh, ach chan eil sin ag obrachadh ach far a bheil raon rèidh. Tha a’ Bheurla agus na meadhanan Beurla cheana cho cumhachdach agus nach bu chòir dhuinn aon òirleach a-bharrachd a thoirt dhaibh.

"Air cùlaibh seo uile tha dìth misneachd is laigse spioraid. Tha feadhainn ann an cumhachd ann an saoghal beag na Gàidhlig a tha ann am fallas airson na maighstirean Beurla a shàsachadh. Tha na daoine sin air bhoil son moladh fhaighinn o na Goill, agus ma thogair dè tha na beagan Gàidheil bheag bhochd a tha air fhàgail a’ faireachdainn. Oir tha fhios gu bheil ‘audience figures’ mòra nas fheumaile dha na buidhnean sin na feumalachdan aon chailleach bhochd anns na Hearadh. Agus na can rium gun urrainn dhut an dithis a riarachadh: chan urrainn. Ma tha thu biadhadh aon fhear, tha am fear eile dol acrach, dìreach mar nach urrainn dhut Dia agus Mammon adhradh aig an aon àm.

"Cò dh’èisteas riumsa co-dhiù, ach so mo bheachd: gum bu chòir 100 per cent dhen airgead phoblach a tha air a thoirt seachad airson craoladh Gàidhlig a bhith air a chleachdadh son craoladh Gàidhlig a-mhàin. Chan ann airson aithrisean is fo-thiotalan is putanan-dearga airson nan Goill. Ach tha ceart cho math dhut faighneachd an rachadh an aon phìos aran a th’air a’ bhòrd a thoirt dhan duine a tha stàrbhadh, agus chan ann dhan duine mòr reamhar a tha na shuidhe aig ceann a’ bhùird agus a tha air a h-uile rud eile ithe mar-tha".


- Aonghas Pàdraig Caimbeul, West Highland Free Press 5th Sept 2014




Gilleasbuig: 

Bu thoil leam meal-a-naidheachd a chur air BBC Banalba agus air a' bhuidheann chliùiteach a tha ga riaghladh, Bòrd MG Alba. Tha na daoine seo dha-rìreabh aig teas-meadhain ath-leasachadh na Gàidhlig ann an Alba, air neo 's e sin a tha an aithisg bhliadhnail aca ag ràdh rinn co-dhiù. Tha e soilleir gu bheil meas mòr aig na Gàidheil air an t-sianal!


Mhothaich Gilleasbuig dhan nì iongantach seo air td20 Aithisg Bhliadhnail MG Alba:
" Chaidh còrr is 500 artaigil bho na meadhanan [mu phrògraman BBC Banalba] an [sic] sgrùdadh: 86% posataibh, 16% neo-phàirteach and 1% neagataibh" 

Gilleasbuig:
Tha fhios gu bheil sin a rèir dè na h-artaigilean a tha sibh a' taghadh, a mhuinntir MG Alba!

Stop press: tha tuilleadh mun a' chuspair seo sa Phàipear Bheag an-diugh (11 Sultain)

Sa cholbh aice tha Magaidh Choineagan ag ràdh rinn, am measg eile:
"Tha sinn deònach bruidhinn mu dhèidhinn nan cuspairean mòra. Mar eisimpleir, carson a tha fo-thiotalan Beurla loisgte air gach prògram? … Agus a bheil teansa ann gun atharraich sin? Tha fo-thiotalan Beurla a' fosgladh a' phrògram a-mach gu daoine aig nach eil Gàidhlig, ach am b'urrainn dhuinn an cur dheth air neo feadhainn Gàidhlig a chur suas? Chan eil e buileach cho furasta a ràdh gur e airgead is teicneòlas a-mhàin a bheireadh fuasgladh air na ceistean seo, ach san ùine air thoiseach oirnn bidh e riatanach cothromachadh a dhèanamh eadar prìomhachasan cànain is poileasaidhean craolaidh".
Gilleasbuig:
Cho soilleir ri gathan na grèine!

Another Scotland is possible

Scotland, be brave 

1 comment: