Sunday, 12 October 2014

Cànan is Cultar na Gàidhlig beò an làmhan Coimisean na Croitearachd

Comission's Annual Report showcases vibrant, thriving Gaelic  


Well, tha sin seachad a chàirdean. Buill-ùird a bh' anns a' bhòt do 'Illeasbuig, ach a bheil fhios agaibh, tha e nas deimhinne às gun tig i fhathast, latha breagha air choireigin.

San dol seachad ghlaic Aithisg Bliadhnail Coimisean na Croitearachd aire 'Illeasbuig an t-seachdain-sa, agus bha e air a dhòigh ghlan ga leughadh. Seo agaibh, a luchd-leughaidh chòir, feadhainn dhe na lowlights as fhèarr a-mach aiste:




"Aig deireadh na ciad bliadhna againn, bha sinn làn dealais is diongmhaltais a thaobh feabhas a thoirt air èifeachdas riaghlaidh a' Choimisein air croitearachd." - td4, "Ro-ràdh an neach-gairm" 
Gilleasbuig: Tha sinn uile builteach a bhith làn dealais is diongmhaltais aig amannan, nach eil?!


 Cuideachd bho "Ro-ràdh an neach-gairm":
"Cho-dhuin Donaidh Ross, an Coimiseanair a bha air a thaghadh don Ghàidhealtachd an Ear, a dhreuchd a leigeil dheth agus chaidh Marina Dennis fhastadh na àite leis a' Mhinistear. B' e Coimiseanair Chroitearan a bh' ann am Marina roimhe, agus tha eòlas farsaing aice air croitearachd dèanadach agus reachdas croitearachd." - td 5, 
Gilleasbuig: Fìor grassroots movement a th' againn an-seo, abair fhèin e!


A' leantainn air adhart:
"Tha an àireamh de chroitean clàraichte air meudachadh gu mòr bho n-uiridh. Is e am prìomh adhbhar airson seo gun do cho-dhùin Cùirt an Fhearainn ann an Alba, an dèidh fearainn le luchd-gabhail air roinnean ionaltradh coitcheann co-cheangailte ris a cheannach, gum biodh iad air am meas mar chroitean dligheach agus mar sin tha iad rin clàradh mar nì laghail air leth anns a' Chlàr Chroitean againn." - td 14, "Stataistigean air Iarrtasan Riaghlaidh"
Gilleasbuig: Seadh, seadh, tha thu 'g ràdh rinn! Tha sin cho soilleir ri gathan na grèine. 


Tuilleadh mu "ionaltradh coitcheann":


"Clàradh Ionaltraidh Coitcheann
 "A thuilleadh air a bhith a' clàradh mion-fhiosrachadh mu fhearann croite a-staigh, bidh an Clàr Croitearachd a tha air a chumail le Glèidheadair Chlàran na h-Alba (RoS) cuideachd a' clàradh mion-fhiosrachadh mu Fhearann Ionaltraidh Coitcheann agus Fearann Roinn-ruihe [sic]. Bidh clàradh air fearann cumanta air a' Chlàr Croitearachd a' cumail crìoch aithnichte …" … and so it goes on (td 18)

Gilleasbuig: Thighearna! Am faodadh e bhith nach eil fiù 's Coimisean na Croitearachd eòlach air an fhacal uile-làthaireach air common-grazing, "cùl-cinn"? 

Cha chreid Gilleasbuig nach fhaod!




Cha bhith Gilleasbuig fada gun tilleadh


@GilleAotrom








1 comment:

  1. ctrnmorr@aol.com18 October 2014 at 19:40

    An dòchas gu bheil sibh a' dol a chur nam puingean gu Coimisean na Croitearachd. tha seo truagh, truagh.

    ReplyDelete