Wednesday, 31 December 2014

How the Gaelic Revival works vol V - breugan MG Alba


An t-seachdain-sa tha Gilleasbuig còir air bhioran mun televisual feast seo “Tartan Pride” a thèid a-mach air oidhche Diardaoin, air a dhèanamh le Purple TV.

Tha e coltach nach e prògram mu dhèidhinn còirichean LGBT a th’ann idir, mar a shaoil Gilleasbuig an toiseach, ach mun iomadh buaidh a thug na seòid air sgioba ball-coise Shasainn, or something [Gilleasbuig: surely some mistake?]



Gilleasbuig: Er … run that past me again please?
Nise tha fathannan a’ dol timcheall nach e prògram Gàidhlig a bhios ann, gur h-e prògram Beurla air a’ chuid as mò, ach cha ghabh Gilleasbuig ri sin idir, airson nan adhbharan a leanas:

  • ’S e fìor “Friend of Gaelic” a th’ann am PurpleTV, with only the highest regard for the language. Oh, agus tha stiùiriche PurpleTV na chathraiche eadar-amail do Bhòrd na Gàidhlig.


  • Tha fhios nach biodh MG Alba air mòran airgid a thoirt seachad a’ coimiseanadh “Tartan Pride” mura robh am prògram a’ coileanadh an fheallsanachd aca, “tha sinn a’ strì airson agus gum bi a Ghàidhlig air a cluinntinn agus air a cleachdadh gu nàdarra agus gu bitheanta sna meadhanan agus ann am beatha shòisealta agus cultural na h-Alba”. Tha Gilleasbuig deimhinne às gu bheil MG Alba coma ged a bhiodh stiùiriche PurpleTV na chathraiche eadar-amail air a’ Bhòrd.


  • Cha dhèanadh ceannard ùr Bòrd na Gàidhlig “re-tweet” air na tweets aig PurpleTV, companaidh a cho-bhall-bhùird, mura biodh sàr Ghàidhlig ri cluinntinn ’sa phrògram air fad. Cha bhiodh sin a’ coimhead math idir.


Cha do shaoil Gilleasbuig a-riamh gun robh Gàidhlig aig Denis Law, agus bidh e faireachdainn an tìde fada gus 9f latha na bliadhn’ ùir!

Stop press - tha Gilleasbuig a-nis às dèidh a' phrògram fhaicinn, agus abair fhèin gun robh e làn dhen a' Ghàidhlig as coileanta! Bha, agus bha grèim air leth math aig luchd-dèanamh a' phrògram  air eachdraidh ball-coise Alba cuideachd.

Agus tha aon-adharcach 'Illeasbuig a' cur uidhean fabergé a-rithist.


Ma chòrdas am blog seo riut, còrdaidh seo riut: http://www.gaidhlig.tv 
airson tuilleadh mu na breugan aig MG Alba


@GilleAotrom

No comments:

Post a Comment