Monday, 27 October 2014

Brath-naidheachd eile a chuireas ri cliù is inbhe na Gàidhlig

Unforgettable press release whets appetite for new Gaelic Thesaurus  


Bha Gilleasbuig còir air a dhòigh ghlan nuair a leugh e am brath-naidheachd seo aig Alba Aosmhor mun cho-fhaclair Gàidhlig ùr aca, anns am faighear briathrachas co-cheangailte ris an àrainneachd eachdraidheil.


Tha e air na nithean a bu mhò chòrd ris a shònrachadh dhuibh, ann an dearg.

Tuesday, 21 October 2014

Head of Gaelic broadcasting to reflect on effectiveness of Gaelic broadcasting

Saoil dè na co-dhùnaidhean a bhios aice?


Thèid òraid-cuimhneachail Aonghais "Ease" MhicLeòid a chumail Diardaoin le cathraiche MG Alba, Magaidh Cunningham. Beachdaichidh i air mar a tha an luchd-amharc aig BBC Alba a' sìor dhol am meud (it says here).
"This year the lecture will be given in Gaelic (with simultaneous translation into English)".
Gilleasbuig:
Saoil an atharraich i gu Beurla a-mhàin, ma phutas an luchd-èisteachd putan dearg? 

Sunday, 12 October 2014

Cànan is Cultar na Gàidhlig beò an làmhan Coimisean na Croitearachd

Comission's Annual Report showcases vibrant, thriving Gaelic  


Well, tha sin seachad a chàirdean. Buill-ùird a bh' anns a' bhòt do 'Illeasbuig, ach a bheil fhios agaibh, tha e nas deimhinne às gun tig i fhathast, latha breagha air choireigin.

San dol seachad ghlaic Aithisg Bliadhnail Coimisean na Croitearachd aire 'Illeasbuig an t-seachdain-sa, agus bha e air a dhòigh ghlan ga leughadh. Seo agaibh, a luchd-leughaidh chòir, feadhainn dhe na lowlights as fhèarr a-mach aiste: