Tuesday, 20 January 2015

Carson a thug am Bòrd a’ Bhròg Mhòr do Dheiseal is Ùlpan?

Bòrd na Gàidhlig must continue with astonishingly successful and self-sustaining teaching method, says Gilleasbuig


Ùlpan le Deiseal - we love it!
(Air a tharraing bho làrach-lìn Ùlpain)


A chàirdean, nach buidhe dhan a’ Ghàidhlig gun tug am Bòrd cothrom na fèinne do Dheiseal Earranta agus dhan dòigh-teagaisg cànain a bhios iad a' reic, Ùlpan, a th’ air a bhith cheart cho soirbheachail an Alba 's a tha e air a bhith le mion-chànan sam bith eile far an deach a chur an gnìomh, air feadh an t-saoghail,  agus a thug na mìltean mòra dh’ionnsaigh fileantachd ann an ùine nach robh fada, mar a tha fios againn uile.


No? Well, co-dhiù tha 252 neach air an clàradh le Deiseal airson na h-ìre as àirde (ìre 6) dhen a’ chùrsa Ghàidhlig aca, a’ làn-choileanadh nan amasan a chuir am Bòrd roimhe ann an "Ginealach Ùr na Gàidhlig" (2010) gum biodh 1,600 neach às dèidh crìoch a chur air cùrsa Ùlpain ron a’ Mhàrt 2012.

Agus cha do chosg am mìorbhail seo ach còrr math is £1,120,000 às an sporan  phoblach gun bhruidhinn idir air na còig bliadhnaichean ro 2010-11. Mar a tha làrach-lìn Ùlpain ag ràdh rinn,
"The language's revival is constrained by the comparatively small amount of public funding it receives".
Ulpan, definitely not hampered by commercial restraints


Nis, a rèir àireamhachd ’Illeasbuig, chan eil anns a' chomparatively small £1,120,000 sin, na bhroinn  £792,000 bhon a' Bhòrd fhèin gun bhruidhinn air na bliadhnaichean ro 2010-11, ach £4476 airson gach oileanach air an ìre as àirde. Fhuair sinn luach ar n-airgid, bidh sibh ag aontachadh.


Is fhada bho mhothaich Gilleasbuig còir gun robh na h-ainmean “Ùlpan” is “Deiseal” air fàs caran gann ann an aithisgean bliadhnail a’ Bhùird na làithean-sa, ach bha e mar bhuill'-ùird dha nuair a chuala e nach fhaigh Deiseal sgillin ruadh tuilleadh. Cha ghabh a thuigsinn … [ironic face]



Carson ur sàmhchar mun a’ chuspair, a mhuinntir a’ Bhùird? Na biodh eagal sam bith oirbh a bhith ri bòst mun ro-innleachd ro-shoirbhicheil agaibh!


Deiseal - adding value to the public investment. That's what they do.



Gilleasbuig:

"Cha chan mi’n còrr, mus can mi “ludicrous half-baked  pyramid-selling scheme” no rudeigineach coltach ris".


@GilleAotrom


3 comments:

  1. This is actually a national scandal, it would appear, if these figures are true, that is worthy of investigation. Paul Hutcheon of Sunday Herald might be good person to ask? paul.hutcheon@sundayherald.com An English translation of this article emailed to him would help him. Better do it quickly though, if possible - Bord Chief Executive leaving end of February.

    ReplyDelete
  2. Figures provided by the Bòrd, isn't FOI wonderful? The real scandal here is: Quangocrats led by Bòrd collude in trashing of Gaelic to tune of £1.1+M, look forward to fat pensions, Gaelic "news media" don't report it

    ReplyDelete
  3. Cuibhle an Fhortain25 May 2016 at 15:10

    A bheil Ùlpan (no Ulpan) fhathast a' dol? Truas agamsa ris aan fheadhainn a bha gu dùrachdach ga chleachdadh.

    ReplyDelete