Tuesday, 24 February 2015

Clach-mhìle eile ann an "leasachadh" na Gàidhlig - £1.1M air chall an turas-sa

Nach math an obair a tha am Bòrd a' dèanamh, improbably says Gilleasbuig agus e a-mach air Ulpan a-rithist


Aidh a chàirdean, nach math an obair a tha Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh na làithean-sa, a’ tionndachadh chòrnairean agus a’ comharrachadh chlachan-mìle.

Tha Gilleasbuig dhen a’ bheachd gu bheil am Bòrd gu seachd àraid àraidh air urram airson an dòigh ’san do bhrosnaich iad sgeama Ùlpain. Mar a tha cuimhn’ againn uile chaidh an cùrsa iomraiteach seo chur air bonn leis a’ Bhòrd mu 2005/6 am measg brathan-naidheachd nach robh gann, agus ged a bha feadhainn nar measg caran teagmhach an toiseach, bha am meadhan-ionnsachaidh cànain soirbheachail seo a-riamh “a’ stèidheachadh slighe shoilleir adhartais” mar a thuirt Aithisg Bhliadhnail a’ Bhùird ann an 2007, agus mòran ga mholadh:


M Russell MSP, showing the foresight for which he is famous in
the pages of Times Educational Supplement Scotland (2006)


Tha e fìor gun deach an targaid a sheatadh leis a’ Bhòrd ann an 2010 – 1,600 neach às dèidh crìoch a chur air a’ chùrsa aig deireadh mìos a’ Mhàirt 2012 – a chall, ged nach robh na h-àireamhan ach mu 1,600 gann. A dh’aindeoin sin dhèilig am Bòrd ris a’ chall seo mar an adhartas mòr a bh’ann an dà-rìribh, le bhith fuireach buileach balbh mu dhèidhinn agus cumail orra toirt seachad taic-airgid mar na sligean.

Tha e fìor cuideachd gum b’ àbhaist do 'Illeasbuig fhèin a bhith meas a’ Bhùird àiridh air càineadh, ach dh’fhalbh na làithean sin nuair a fhuair e pasgan donn bàn sa phost agus a-nise tha e faicinn gun deach leasanan ionnsachadh, modhanan-obrach a leasachadh agus gu bheil làn uair againn gluasad air adhart.

’S gann gun gabh a chreidsinn ach fhuair am Bòrd trod bho dhuine mosach no dithis mun £1.1 millean agus an còrr a chaidh a chur ri chèile às an sporan phoblach airson na h-iomairt iomraiteach seo a thacachadh, gun buaidh sam bith ri fhaicinn, ach cha robh sin idir cothromach oir, mar a tha Gilleasbuig ga fhaicinn, chaidh an t-airgead sin a-steach dhan eaconomaidh ionadail ann am feadhainn dhe na sgìrean as iomallaiche agus as mò feum ann an Alba, leithid Dùn Èideann, teas-meadhain Ghlaschu agus Obar-Dheathainn.

Tha BBC Alba, a th’ air a leithid de chliù a choisinn bho chionn ghoirid, agus rèidio Gàidhlig air a bhith sàmhach mun a’ chuspair seo sna naidheachdan aca agus tha iad glè cheart, a chionn ’s nach robh ann ach £1.1M+, sùim beag biodach dha-rìribh an coimeas ri na tha ’adsan a’ cosnadh.


Naidheachdan Gàidhlig - chan eil leisg orrasan na sgeulachdan mòra làimhseachadh

 Oir ’s e an rud as cudromaiche buileach, nach can neach sam bith nar measg guth mu “Ùlpan”, no mu “£1.1M air chall gun sgeul air”, no mu “bumalaireachd a’ Bhùird”. Oir ma nì neach critique dhe urracha mòra na Gàidhlig, chan eil ann ach ionnsaigh pearsanta air na daoine chòir sin a bhitheas, tha mi creidsinn, glè thraing an-dràsta ag obair a dh’ionnsaigh cùmhnant ùr a thoirt do Dheiseal airson cùrsa ùr  Ùlpain.

No comments:

Post a Comment