Thursday, 5 March 2015

Mar a chaidh sàr-bhàrdachd 'Illeasbuig a leughadh air beulaibh Joshua Fishman

Soraidh slàn le Joshua Fishman, an duine mòr. Chan fhaic sinn a leithid tuilleadh, saoilidh Gilleasbuig. Nach e Reversing Language Shift a tha coimhead nas cumhachdaiche, nas subversive, a h-uile bliadhna a thèid seachad agus tha copaidh dheth taisgte ann an cridhe 'Illeasbuig.

A chàirdean, thachair Gilleasbuig ris an duine chòir aon uair agus, creid gus nach creid e, fhuair e cothrom a chuid bàrdachd a leughadh dhan àrd-ollamh, agus dha bhean a bha cuide ris.

Thachair seo ann an, ma's math cuimhn' 'Illeasbuig, 2003-2004 ann an Leabharlann shìos, Sabhal Mòr Ostaig. Mar a b' àbhaist, cha robh sgeul air amadan sam bith eile san leabharlann ach Gilleasbuig fhèin, nuair a nochd na Fishmans, a bha tadhal air Alba san àm, agus iad gan toirt timcheall a' cholaiste air turas. Chaidh iad sin agus G. gu bruidhinn a-null is a-nall agus air dòigh air choireigin, chaidh iarraidh air a chuid bàrdachd a leughadh, agus gu dearbh cha ghabhadh iad ri "no"!

Seo a' bhàrdachd a chaidh a leughadh an latha iomraiteach sin, "Moladh an t-Sabhail Mhòir":


Chan eil mo shùil air Torabhaig, no seòmar pool an àigh;
Cha tàinig mi seachd ceud mìl’ a dh’Eilean Mòr nam Buadh
A chluinntinn Beurla sa h-uile àite a’ dol bho mhoch gu dubh;
Bhithinn na b’ fheàrr sa bhaile mhòr an Sasainn, nan Taobh Tuath!

’S math tha fios gur mise nach eil ealanta sa chànan
Le car nam bheul is na mo chainnt seach facail ceòlmhor àlainn;
Ach is mise nach eil deònach mo dhualchas a dhìmheas,
A h-uile facal Beurla bhuainn, ’s e Gàidhlig dol à fianais.

Cha bhi a’ Ghàidhlig beò gu bràth an ceòl no seinn na mallachd,
Na fritheil air na cèilidhean far am bruidhnear cainnt na Galltachd;
’S dòch’ gun cluinnear Gàidhlig san taigh-òsta ann an Lunnainn
Nas tric’ na cluinnear i gu bràth an taobh seo dh' Eilean Donnan.

Ach a h-uile facal Gàidhlig bhuainn, ’s e buille dhan an dorchadas,
Mo chreach ’s a thàinig, tha e doirbh; bha fios agad mus tàinig thu;
Mura seas a' chainnt an-seo, oidhche mhath is beannachd leatha,
A bheil thu dol ga cleachdadh, no chur tarrag na ciste-laighe?



 Tha fhios gu bheil e làn uireasbhaidhean, ach cha robh Gilleasbuig ach na amadan òg gòrach san àm.
Bha h-uile coltas gun do chòrd e ri na Fishmans buileach glan. Mas breug bhuam, is breug thugam e.



Joshua Fishman 1926-2015

A chuid de Phàrras dha

2 comments:

  1. Bord na Gaidhlig a-nis a' dol bho neart gu neart?

    Ulpan OK !??????? Linn ur airson Bord na Gaidhlig!

    http://www.bbc.co.uk/naidheachdan/31830534?SThisFB

    daibhidh

    ReplyDelete
  2. Och a Dhaibhidh, carson a tha thu cho diombach dheth? Tha ceumannan mòra gan dèanamh airson clichés na Gàidhlig! Agus linn ùr airson pasgannan donna loma-làn!

    ReplyDelete