Tuesday, 19 May 2015

Gilleasbuig and the difference that satire makes

A' comharrachadh ceud blog 'Illeasbuig Aotruim 


A chàirdean, bidh ceud blog aig Gilleasbuig còir san aithghearrachd, agus nach e bhiodh math sùil aithghearr a thoirt air ais air an iomadach buaidh a thug guth sgaiteach, geur-chùiseach 'Illeasbuig air dol a-mach saoghal 'oifigeil' na Gàidhlig?

Smaoinich sibhse air ais gu 2013 agus mar a bha Soillse, an lìonradh nàiseanta rannsachaidh airson ath-bheòthachadh na Gàidhlig, a' foillseachadh nithean air-loidhne sa Ghàidhlig aca fhèin nach gabhadh a thuigsinn gu furasda le càich -


Gilleasbuig còir a' sineadh làimh cuideachaidh
do mhuinntir Shoillse, air ais ann an 2013

Dèanamaid flash forward a-nise gu co-labhairt Shoillse anns a' Chèitean 2015, agus abair fhèin gu bheil buaidh 'Illeasbuig ri faicinn. Nach ann air Gàidhlig Shoillse a thàinig an dà latha … erm …

Chan eil fhios an t-saoghail aig Gilleasbuig gu dè th' anns "a' chomhaireachd", ach bidh mòran ma dèidhinn!












Bha Gilleasbuig airson tuilleadh fhaighinn a-mach mun "chlàr-oideachaidh fiùghanta" tha seo:

"AN CLÀR-OIDEACHAIDH FIÙGHANTA AGUS DÒIGHEAN-OBRACH ANN AM FOGHLAM MION-CHÀNAIN

"Anns a’ bhùth-obrach seo, cnuasaichidh sinn air an raon fharsaing de dhòighean-obrach a thèid cleachdadh fon bhratach, ‘foghlam dà-chànanach.’ Nì sinn meòrachadh air amasan nan dòighean-obrach seo a thaobh thoraidhean agus ann an co-theacsa nan ideòlasan poilitigeach a dh’fhaodadh a bhith taiceil no bacach nuair a thig e gu adhartas cànanach. Ged a thathas air sealltainn gun lean dòighean-obrach ‘làidir’ gu comas dà-chànanach àrd agus na chois bhuannachdan cognatach, ’s ann …" Seadh, seadh, tha sin cho soilleir ri gathan na grèine a-nis.

Gilleasbuig:
Am faic sibh, a luchd-leughaidh chòir? Am faic sibh a-nise an diofar a nì blogadaireachd aoireil eirmseach?


Lean Gilleasbuig air twitter! (please)

@GilleAotrom 

No comments:

Post a Comment