Friday, 3 July 2015

Plana Gàidhlig CMAL - just insert "sic" anywhere, really

Gilleasbuig hails the much-loved quango and its triumphant Bòrd-approved language plan  



A chàirdean, bidh fios agaibh gu bheil CMAL, no Caledonian Maritime Assets Ltd, air a bhith 'sna naidheachdan bho chionn ghoirid oir 's ann an urra riuthasan a tha am bàt-aiseig ùr, an Loch Seaforth, a dh'fheumas Calmac a chleachdadh a-mach às Ulapul, bat-aiseig a th'air na h-uibhir de mholadh fhaotainn … ahem …

Ach cò iad, CMAL? Chanadh cuid gur h-iad cuango a chaidh a chur air dòigh leis an Riaghaltas, gus privatisation Aiseagan Chalmac a dhèanamh na b'fhasa dhaibh. Ach saoilidh Gilleasbuig gur h-e am plana Gàidhlig aca as fhèarr a dh' innseas …









Er … dìreach, dìreach. Ach fuirich mionaid! There's more …


  1. "Tha CMAL bho chionn ghoirid air truiseadh a thoirt air fèin-aithne a chompanaidh ach am bi e soilleir gu bheil diofar eadar CAMAL [Gilleasbuig: There's a CAMAL too?] agus CalMac (’s ann le CMAL a tha an suaicheantas is eile a th’aig CalMac, air a chleachdadh le cead) mar bhuidhnean fa-leth. Tha sinn a’ coimhead air Plana na Gàidhlig mar dhòigh eile air ar rùintean is teachdaireachd a mhìneachadh do choimhearsnachdan na Gàidhlig". (td7) 


Well, that's certainly put Gilleasbuig's mind at rest, a chàirdean. Gu seachd araid nuair a leugh e mun "dealas" a th' aig CMAL mu signage (td20):










Nise chan eil Gilleasbuig buileach a' tuigsinn carson a tha de chuideam ga chur air "dà chanach" - twin cottongrass, nach e? - ach tha e air a dhòigh ghlan gu bheil CMAL còir cho measail air soidhnichean Gàidhlig, agus gur h-ann air sgàth sin gu bheil àrainneachd an Loch Seaforth cho Gàidhealach sa ghabhas … Whoah! Fuirich ort!



Muinntir CMAL: chan eil e idir, idir fa-near dhaibh
aiseagan Chalmac a thoirt seachad do Serco


Cuimhnich a chàirdean gun deach an annas-làimhe seo aontachadh le Bòrd na Gàidhlig.
Ceum mòr eile air thoiseach!


@GilleAotrom

2 comments:

  1. Am faca tu an litir aig J A MacKay, ga dhion fhein agus an 'senior management', sa Herald. Abair gu bheil e ag radh nach eil trioblaid ann. 'He turned the thing around'. A bheil Bord na Gaidhlig air a dhol nas fhearr bho 2011, o thoisich esan. Come off it! Tha e eibhinn, ach tha seo truagh cuideachd.

    ReplyDelete
  2. Chan fhaca idir ach bu thoil le Gilleasbuig fhaicinn, saoil a bheil copaidh agad dheth?

    ReplyDelete