Friday, 23 October 2015

SMO agus a' Chill Bheag a' leasachadh na cànain agus na sgìre, a rèir SMO

A great stride for self-congratulatory press releases


Tha e coltach gun do thadhail chiad mhinistear air choireigin a-staigh air Ionad Nàiseanta na Gàidhlig an t-seachdain-sa. 


Predictably …



Tha e coltach [a rèir nam brathan-naidheachd a leugh Gilleasbuig] gun d'rinn i moladh, 'sa Ghàidhlig aice fhèin, air na ceanglaichean eadar ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus dùsgadh eacanomaigeach na dùthcha [Gilleasbuig: Whoah! Hold it right there] agus gu seach àraid, na tha Sabhal Mòr Ostaig air cur ris bho chaidh a' Cholaiste a stèidheachadh … you know the sort of thing.

Rinn i moladh cuideachd tha e coltach, a' leughadh bho sgriobt a thugadh dhi le SMO, air mar a tha SMO air fàs tro na bliadhnaichean, an dà chuid a thaobh foghlam agus leasachadh, is gu bheil e [sic] an-diugh na shàr eisimpleir don dùthaich gu lèir … [Gilleasbuig: Sin gu leòr! Fòghnaidh na dh'fhòghnas]


Gilleasbuig: 
Nicola! We used to be mates!

A' fagail soraidh leis a' chredibility aice


@GilleAotrom

1 comment:

  1. Rocky Marciano Jr23 October 2015 at 14:07

    NEWSFLASH...

    Chuala ar madadh-naidheachd duine a' bruidhinn Gàidhlig aig Mòd an Òbain! Tha e ceart gu leòr ge-tà, bha e bruidhinn ris fhèin. Cha robh an Comunn Gaidhealach air a mhasladh ann...

    MESSAGE ENDS

    ReplyDelete