Sunday, 20 December 2015

Sùil aotrom air 2015 vol. I

Halò a-rithist a chàirdean!

Le'r cead, nì sinn turas còmhla 'son sùil a thoirt air ath-leasachadh na Gàidhlig ann an 2015 agus feadhainn dhe na lowlights a bu mhò ghlaic aire 'Illeasbuig. Bidh ur roghainn fhèin agaibhse ...



'San Fhaoilleach ...

Ann an ringing endorsement (abair fhèin e) airson roimh-innleachd Bòrd na Gàidhlig, nochd muinntir Dhùn Dè am meas mòr a th' aca do phlana cànain a' bhaile, nuair a thionndaich na h-uibhir dhiubh a-mach 'son coinneamh phoblach ... erm ...





'Sa Ghearran ...

Bha an sgeulachd soirbheachais a th' ann am foghlam meadhan Gàidhlig a' sìor dhol bho neart gu neart, gu seachd àraid ann an Tunga. Ceum mòr eile air thoiseach 'son Gàidhlig ann an Cataibh a bha seo ... whoops!



'Sa Mhàrt ... 

Thàinig Iain "Ceumanan Mòra" Caimbeul. Agus chuir MG Alba "co-chomhairle" air dòigh, a' cur nan ceist sa chànan aca fhèin, m.e.


1. Gu dè an ìre 's gu bheil sibh ag aontachadh gu bheil an t-amas "Lìbhrig seirbheisean co-bhanntachd PSB coileanta airson luchd-cleachdaidh na Gàidhlig" iomchaidh na amas ro-innleachdail do MG ALBA?

To what extent do you agree that the objective "Deliver PSB partnership services for Gaelic users" is an appropriate strategic objective for MG ALBA?
Chan eil idir/Completely disagree
Chan eil/Disagree
Tha/Agree
Tha, gu mòr/Agree strongly
Tha, gu h-iomlan/Completely agree

Ceistean ciallach dha-rìribh,bidh sibh ag aontachadh, leis an robh Gilleasbuig air a dhòigh ghlan!




'Sa Ghiblean ...

Chunnaic sinn BBC Alba a' faighinn moladh mòr, mar a bha riamh ...


"It was hard, however, to escape the conclusion that BBC Alba was not a key player in the referendum, or indeed before or since. In fact, the focus of the channel, remaining as it does on music and sport for much of the time, seems deliberately to avoid the more engaged and the more radical.
"I think it is time for Gaelic broadcasting to wake up to the country in which it is now set. Perhaps too content simply to exist, those who run the channel seem reluctant to set a new course that reflects current and future reality and which would give them a better opportunity for the language, culture and place to thrive".
- Mike Russell MSP, keynote address, Fèis nam Meadhanan Ceilteach


Gilleasbuig: Mo chreach 'sa thàinig! Neach deach innse ro-làimh dhan duine-sa gu bheil MG Alba an dùil ri cruth-atharrachadh a thoirt air buaidh nam meadhanan Gàidhlig??




'Sa Chèitein ...

Ann an agallamh rèidio, chaidh neach-labhairt Bòrd na Gàidhlig às àicheadh gun robh Ùlpan na chùis-nàire, ann an dòigh ciallach, ùghdarasail:


Eileen NicDhòmhnaill:  Well, ann an dà mhìle ’sa trì deug cha do chuir ach lethcheud crìoch air a’ chùrsa [pregnant pause].

Neach-labhairt a' Bhùird: Tha mi smaoineachadh well tha – a thaobh na h-àireamhan, erm rannsachaidh seo bha sin gu – deireadh a’ Mhàirt an-uiridh. Agus tha mi smaoineachadh – eh – bidh barrachd fios aig Deiseal air cia mheud daoine cur crìoch air a’ chùrsa latha an-diugh mar gum biodh. Em – ach tha mi smaoineachadh - cha bi leisgeul sam bith – agamsa cantainn gun do chosg sinn – you know – erm – trì mìle not - gu robh trì mìle faighinn taic em, – iomchaidh bhon a’ sporan phoblach airson a’ bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

CRÌOCH AGALLAIMH
- Aithris na Maidne, 27mh Ceitean





'San Ògmhios ...

Dh'fhalbh Iain "Ceumanan Mòra" Caimbeul. Agus bha aire 'Illeasbuig air Aithisg Bhliadhnail MG Alba:

"Tha sinne mar Bhòrd a’ leantainn oirnn a’ toirt dlùth aire gu bheil prìomhachas air a thoirt dhan Ghàidhlig anns gach prògram. Tha sinn air an aon ràmh ris an luchd-amhairc air a’ chuspair seo agus tha sinn an dòchas gu faic sinn piseach mòr air an t-suidheachadh sin anns a’ bhliadhna a tha romhainn. Tha e riatanach gu bheil na riochdairean a’ faighinn an taic a tha a dhìth orra airson a bhith mothachail air cho cudromach is a tha e an t-urram air a bheil i airidh a thoirt dhan chànan – ’s e sin fìor bhunait ar stèidh".
- Magaidh Phangloss, Cathraiche Bòrd MG Alba 
  


More lowlights bhon a' chòrr dhen a' bhliadhna 
ri tighinn fhathast a chàirdean!



@GilleAotrom

1 comment:

  1. Dismalda Nic a' Pheantair21 December 2015 at 12:40

    Ghabh mi ceumannan mòra am bliadhna. Dhearbh muinntir Dhùn Dè am meas mòr a th' aca orm. Agus chuir mi fo-thiotalan vibrant air an eadar-theangachadh le Ùlpan air mo bhroilleach. 'S an dèidh sin thug mi mo chasan leam. Abair bliadhna. An dùil am faigh mi seachad air?

    ReplyDelete