Friday, 29 January 2016

A' fàgail soraidh slàn le 2015 vol. II

Anyway, a chàirdean, càit' an robh sinn?


'San Iuchar ...


Joe "strong & vibrant" Moore,
interim CEO a' Bhùird

Bha am Bòrd a' sìor dhol bho neart gu neart agus a' faighinn mholaidhean mòra 'son cheumanan mòra. Erm ... bha.

Tuigidh sibh, ged-tà, gur h-iad Gaelic tweets as mò a bh' air aire 'Illeasbuig; nach buidhe dhuinn gu bheil conaltradh cho beòthail, fiù's - seadh - vibrant mar a leanas againn? 'S toil le Gilleasbuig a bhith leantainn feadhainn dhe na seòid Gàidhlig:
















Mar a thuirt am fear eile (actually Dòmhnall Caimbeul, MG Alba):
"... tha farsaingeachd bheachd, còmhradh agus deasbad mar chomharra fallaineachd, agus ged nach biodh daoine ag aontachadh ‘s e an rud as cudromaiche gu bheil sinn a’ gabhail ùidh".


'San Lùnasdal ...

Ann an triumph eile 'son BBC Alba ... enter Stan Collymore!


Cha do thachair dad eile 'san lunasdal.



'San t-sultain ... 

Fhuair Alan Esslemont mòran chairdean ùra nuair a rinn e rèiteachadh air ceist na Beurla air BBC Alba ann an agallamh cumhachdach, deas-bhriathrach air Rèidio nan Gàidheal. 


Agus anns a' Phàrlamaid ...

Whoah! Really?
Ceum mòr air adhart airson meaningless photo-oportunities!


'San Dàmhair:

Bhuinnig BBC Scotland Head of Talent and Change bonn òir a' Chomainn


Cuideachd ... bha Gilleasbuig air a bheò-ghlacadh leis a' bhlog seo le fear a tha na bhall air bòrd MG Alba. Cho math ri càineadh a' Mhòid, tha e cur an cèill dhuinn feallsanachd an triùir a tha air chùlaibh Iomairtean Gàidhlig, làrach facebook airson poileataigs, connspaid agus strì. Abair fhèin radaigeach!

Tha e coltach, a rèir nan daoine ionnsaichte seo ... When faced with an intransigent establishment you simply ... become the establishment! (agus rudeigineach mu dheidhinn iasgach cruthachail). Tha Gilleasbuig ga moladh.



That's all a chàirdean! Cha do thachair 
càil eile as t-fhiach ann an 2015.





@GilleAotrom


1 comment:

  1. Dòmhnall a' Phutain11 April 2016 at 11:34

    Tha m' anail 'nam uchd 's an t-eagal orm feuch cò thig an àite an duine seo.

    ReplyDelete