Sunday, 14 February 2016

Obair Bòrd na Gàidhlig: culaidh-mhagaidh dhèanamh dhe ar cànan


An t-seachdain-sa, bheachdaich Bòrd na Gàidhlig air seirbhisean a' BhBC, mar nach robh eas-aont' ann a-riamh mu phrògraman Beurla-làimh-an-uachdair:

"Tha am BBC ann an Alba agus na prògraman a bhios iad a’ dèanamh fìor chudromach do Bhòrd na Gàidhlig, do choimhearsnachd na Gàidhlig agus tha iad a’ cuideachadh gus làthaireachd is cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh na nì àbhaisteach air feadh Alba ..."

Predictably:

"Tha BBC ALBA air fàs gu bhith na sheirbheis luachmhor dha-rìribh a tha air spèis iomadh neach ann an Alba a chosnadh ..."

Gilleasbuig: Zzzzzzzz!


Ach an uair sin -


"Fòghnaidh na dh' fhònas", thuirt saoghal na Gàidhlig a' dol an guaillibh a chèile, seachd searbh sgìth dhen a' conflict of interests aig crìdhe a' Bhùird. "Tha sibh air a dhol ro fhada an turas-sa".

Bha twitterati na Gàidhlig air bhoil gu bheil am Bòrd an eisimeil mneTV (CEO: cathraiche Bòrd na Gàidhlig) agus purpleTV (stiùiriche: cathraiche Bòrd na Gàidhlig), seach freumhan coimhearsnachd a' chànain. Thog fiù 's muinntir Iomairtean Gàidhlig air facebook an guth, ged as fhèarr leotha poileataigs, connspaid agus strì a sheachnadh.

A h-uile oidhche air An Là, cha robh leisg air muinntir BBC Naidheachdan mion-sgrùdadh a dhèanamh air an amaladh eadar am Bòrd, MG Alba agus na companaidhean TV as mò nì prògraman "Gàidhlig" làn Beurla, ann an sreath de dh'aithrisean cruaidh-bheumach.

Bha deasbad air a thogail 'sa' Phàrlamaid, "This Parliament believes that vested interests and phoney normalisation are destroying Gaelic..."




Naidheachdan eile a-nise ...


  • sìth an t-saoghail air a gairm
  • Anti-Gaelic bigot declares: Yes, I am an ant-Gaelic bigot. The power and subtlety of your social media campaign has shown me the error of my ways.
  • aon-adharcach 'Illeasbuig a' cur uighean Fabergé a-rithist!





@GilleAotrom





    1 comment:

    1. "...reaching out to those who have not traditionally interfaced with the language."

      Tha an t-acras orm. Cha chreid mi nach dèan mi rud beag interface le pacaid crisps.

      ReplyDelete