Saturday, 12 March 2016

Bòrd na Gàidhlig - làimh-cuideachaidh 'Illeasbuig do na buill ùra

An t-seachdain-sa, le 'r cead, tha Gilleasbuig còir a' comharrachadh nam ball ùra air a' Bhòrd. Seo feadhainn dhe na h-abairtean a bhios, ann am beachd 'Illeasbuig, glè fheumail dhaibh ann am brathan-naidheachd is agallamhan fhad 's a tha iad a' fosgladh dhorsan, a' gabhail cheumanan mòra a-steach do linntean ùra etc etc:





  • Tha an ceum mòr air adhart seo na chlach-mhìle ann am foghlam Gàidhlig ann an Alba ... (abairt a tha gu math feumail a thaobh thargaidean foghlaim nach deach a choileanadh a-riamh)



  • Fhuaradh luach an airgid bho ... (cuiribh an seo ana-chaitheamh airgid sam bith a rinneadh leis a' Bhòrd, a rèir ur toil fhèin)





  • Tha sinn air adhartas mòr agus piseach nach beag fhaicinn fhad's a bha ... [cuiribh an seo ainm ceannard a' Bhùird as ùire dh' fhalbh bho chionn ghoirid] ... air an stiùir.


  • 'S i feallsanachd Bòrd na Gàidhlig gu feumar, nuair a thathar a' feuchainn ri Gàidhlig a thoirt air adhart, interface a dhèanamh còmhla ri daoine nach robh dualtach gabhail rithe ron a-seo. 'S e an dòigh as fhèarr, prògraman TV Gàidhlig a tha làn Beurla. 



  • Well, tha fhios againn nach robh iomradh air an fheallsanachd seo anns a' Phlana Cànain Nàiseanta againn Linn Ùr airson Cuangocrasaidh mus tàinig an cathraiche ùr, a tha dèanamh tòrr phrògraman TV tro mheadhan na Beurla, ach ma chumas sinn sàmhach mu dhèidhinn sin dh'fhaodamaid a sguabadh fon bhrat-ùrlair.



  • Conflict of interests? Gu dè an conflict of interests a th' ann?



  • Tuarasdal còrr is sia mìle not airson 36 làithean-obrach? Nì sin a' chùis buileach glan!




@GilleAotrom

Gilleasbuig an-dè

No comments:

Post a Comment