Thursday, 12 May 2016

Gabhaibh ceum mòr a-steach do linn ùr còmhla ri Gilleasbuig!

Studies have shown that cliché-filled Gaelic press releases are making great strides  



A chàirdean chòire


Nach iomadach ceum mòr chun na h-ath ìre seachad air clach-mhìle (agus/neo comharra-tìre) agus a-steach do linn ùr a bhios a' Ghàidhlig a' gabhail na làithean-sa, a-rèir nam brathan-naidheachd as quangotastic co-dhiù.

Shaoil Gilleasbuig gum b'fhiach e cruinneachadh dhen fheadhainn as fhèarr dhiubh sin a chur ri chèile mar a thogas iad ceann, agus an toirt fa 'r comhair le 'r cead, a luchd-leughaidh chòir.


Tha Gilleasbuig Aotrom fada an comain a h-uile cuango, ministear riaghaltais agus neach-naidheachd a chuireas ris a' bhlog seo 'sna seachdainean tha romhainn.



Seachdain nan clachan-mìle a bha seo! (gu 27mh Lunasdal):


Tha e coltach gun robh cruinneachadh nach robh
beag a' dol shìos mu Earra-Ghàideil!















A' dol air adhart le sunnd gu làrach na comhairle:


Feuch sibhse cliché-count an seo - cha ghabh a bheatadh!


Agus mu thuath:


Clach-mhìle eile 'son FTMG agus 'son
na comhairle, a rèir na comhairle agus
madaidhean-naidheachd BBC Alba.




Gilleasbuig:

Truly, a huge milestone was reached this week in preposterous misuse of the word "milestone"!

*******


Previously, in "Gabhaibh ceum mòr a-steach do linn ùr ...



  • An t-seachdain-sa! [7mh an Ògmhios] And all too predictably:
Tha e coltach gu bheil linn ùr aig Bòrd na Gàidhlig,
mar a bhios aca a h-uile sia mìosan neo mar sin.






























Na bu thràithe ...


  • An t-seachdain-sa: Eaglais na h-Alba! Chaidh an comharra-tìre seo seachad air Gilleasbuig nuair a nochd e an toiseach an-uiridh. Ach is math as t-fhiach a thoirt a-staigh an seo:








Gilleasbuig:
Mìorbhailt, an e? Nach ann aig na daoine seo as fhèarr fios!






  • 'Sa Chèitean - MG Alba took up the baton!

"Tha BBC Alba air sàr shoirbheas fhaicinn ach tha an luchd-amhairc airidh air seirbheis nas coileanta agus tha sin a' ciallachadh nas lugha de ath-chraolaidhean agus barrachd bun-phrògraman.
"'Sna mìosan agus sna seachdainean air thoiseach bidh sinn a' strì airson taic a thogail gus an tèid dealas soilleir a dhèanamh airson ìos-mheud [Gilleasbuig: whit?] de dh'uairean a thìde de phrògraman airson BBC ALBA a stèidheachadh agus tha sinn ag iarraidh air luchd-ùidhe taic a chuir ris a' mhiann seo. 
"Tha sinn gu daingeann air leth taingeil airson an taic a fhuair sinn bho BhBC, Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA agus tha sinn airson soirbheas BBC ALBA a thoirt chun na h-ath ìre". 
- Magaidh Choineagan, Cathraiche MG ALBA, 12 Cèitean 2016



Gilleasbuig:
Mo thogair BBC ALBA dol chun na h-ath ìre, tha dealas soilleir ormsa gun robh fios aca mun diofar eadar chur is chuir.







  • Air 6mh Cèitean:

Gabh ceum air adhart, VisitScotland! Ghlaic sibh sùil 'Illeasbuig!

"We have already made great strides to develop and promote Gaelic, but we recognise that much still needs to be done to fully embed the language into all parts of the organisation in a way that it becomes an integral part of our strategic thinking, decision-making and delivery plans".
- Riddell Graham of VisitScotland, in "Gaelic the subject of tourism drive launched by VisitScotland" 'sa Phàipear Bheag, 6 an Cèitean 2016.






Gilleasbuig:
[Stunned silence]





@GilleAotrom



3 comments:

  1. Cha chreid mi nach bi sinn a´ feitheamh ro fhada airson tuilleadh ás a leithid sin ...

    ReplyDelete
  2. Bàrd Sgriogarstaigh16 May 2016 at 13:08

    Nan cioda-cada-ceadaicheadh an tìde dhomh 's gun innsinn e do chàch. Miora-meara-mar a mheall an saoghal mi le faoineasan gun stàth.

    Blah.. blah... blah

    ReplyDelete
    Replies
    1. ´Se beachd a´ bhàird buille bhuadhail ;-)

      Delete