Thursday, 2 June 2016

Misleading, self-serving obfuscations about the state of Gaelic vol. XXIV

'S e tìotal na duilleige seo as fhèarr a dh' innseas cò mu dhèidhinn a tha i.

Gheibhear na broinn a h-uile breug, làn fèin-molaidh, a thogas ceann mu chor na Gàidhlig, mar a thogas iad ceann.



7mh Ògmhìos: tha e coltach gum bi Bòrd na Gàidhlig ag obair nas dlùithe air a' choimhearsnachd a chionn's ... gu bheil na buill is an luchd-obrach aca tighinn, erm, bho choimhearsnachdan:


(agallamh air BBC Naidheachdan)

Nic Dhòmhnaill Ciamar a thèid agaibh air sin [co-obrachadh le buidhnean is coimhearsnachd] a dhèanamh ged-tà, agus chanadh gu leòr de dhaoine gu bheil astar mòr eadar, car, na buidhnean Gàidhlig a-seo, car a th’ air spiris air choireigineach, agus cuideachd dòcha a’ choimhearsnachd, aig ìre choimhearsnachd, nach eil – car - an ceangal a tha sin ann agus a bheil sibh fhèin a’ faireachdainn mar sin gur e laigse a tha sin taobh Bòrd na Gàidhlig ?

Ceannard Ùr “Tha mi smaoineachadh – tha buill ùra againn agus ’s ann à coimhearsnachdan a tha iadsan a’ tighinn, tha mi smaoineachadh gu bheil an luchd-obrach againne a’ tighinn à coimhearsnachdan”.

Nic Dhòmhnaill Ach tha sin air a bhith dol fad iomadach bliadhna, fhios ’ad, gu bheil daoine tighinn bho choimhearsnachdan.

Ceannard Ùr Ach, tha mi smaoineachadh, ’s e an rud eile tha sinn a’ dèanamh, gu bheil sinn a’ faicinn cho cudromach ’s a tha co-obrachadh agus tha mi smaoineachadh gu h-àraidh … ('s ann mun àm seo a sguir Gilleasbuig a dh' èisteachd)

Gilleasbuig:
Bha ceist orm a-riamh càit' an robh am Bòrd gan lorg! Ach bidh m' inntinn aig fois bho seo air adhart.





2na Ògmhios 2016: tha e coltach gun robh co-labhairt air choireigin air a chumail:




Gilleasbuig: 
Just about says it all, really!


@GilleAotrom 

1 comment:

  1. cheannaich mi tiocaid air a'bhus eadar Bail'Ailein is Steornabhagh. chan eil cail a dh'fhios aig mo bhean. chan eil mi gradh nach cleachd mi fhathast e

    ReplyDelete