Thursday, 29 September 2016

FilmG - siud na fiolmaichean beaga nach fhaicear air BBC Alba gu bràth

MG Alba: tha fiolmaichean beaga FilmG air na h-ùrlaran ceart, am falach far a bheil iad  


A chàirdean, an robh ceist oirbh a-riamh mu ghainnead fiolmaichean goirid FilmG air BBC Alba?

Bha agus air Gilleasbuig cuideachd, so chuir e am post-dealain a leanas a dh' ionnsaigh MG Alba:


16mh Lùnasdal 
A chàirdean chòire 
Tha sibhse, MG Alba, a’ dèanamh mòran anns an aithisg bhliadhnail agaibh dhen a’ cho-fharpais FilmG, agus a’ cumail a-mach gur h-i a’ cho-fharpais seo “na phrìomh phàirt dhe ar n-obair” agus gur h-e “FilmG ar prìomh iomairt airson daoine òga a bhrosnachadh com-pàirt a ghabhail sna meadhanan Gàidhlig gus stuthan UGC [user generated content 'sa chànan aca fhèin] a bhrosnachadh”.
Cuin a thèid, ma tha, feadhainn dhe na fiolmaichean goirid sin a chraobh-sgaoileadh air BBC Alba?
Ann an 2013, ann an “Impact Assessment Report” a rinneadh mu FilmG leis an neach a tha a-nise na ceannard do Bhòrd na Gàidhlig, mhol i: “More mainstream screening of films – using the channel as a platform for films and competition”. Ged-tà, cha do thachair sin. Mas math mo chuimhne, cha deach gin de na fiolmaichean a chraobh-sgaoileadh a-riamh leis an t-sianal. ’S iongantach ma chunnaic còrr is fìor chorra dhaoine gach fiolm.
Tha sin caran neònach, gu h-àraidh leis na tha siud de ghearanan a’ dol mu na tha de ath-chraolaidhean agus de phrògraman Beurla air BBC Alba. Carson nach eil “a’ phrìomh iomairt” seo ga cur gu feum, fiù ’s airson fillers bheaga?

An e nàdar de phoileasaidh a th’ agaibh aig MG Alba gun a bhith toirt platform idir do na fiolmaichean beaga seo? Ma ’s e, carson? 
Le meas ... 

[Beagan còrr is ceithir seachdainean a' dol seachad].


Response bho Stiùiriche Leasachaidh is Cho-bhanntachdan MG Alba, Iseabail Nic an t-Sagairt:

14mh Sultain 
Ceud taing airson ur teachdaireachd mu FilmG.  Gabh ar leisgeul nach deach a’ chiad teachdaireachd agaibh fhaicinn, is gun robh dàil ann gar freagart.
 Gun teagamh, tha FilmG na phrìomhachas dhuinn. ’S e iomairt a th’ ann airson a bhith ag àrach thàlant, ach cuideachd, agus ’s dòcha nas cudromaiche buileach, airson a bhith a’ misneachadh òigridh gu bhith a’ cleachdadh Gàidhlig anns na meadhanan didseatach. Tha sinn air mòran a ràdh mun seo nar Lèirsinn, agus stiùirinn sibh gu t.d. 35, agus am Pàipear-taic co-cheangailte ris, air t.d 52-54.  A bharrachd air na puingean an sin, tha e cudromach cuideachd gu bheil saorsa aig daoine a bhith a’ cruthachadh stuth nach eil air a chuingealachadh a thaobh uallaichean telebhisein.  ’S e iomairt leasachaidh a th’ ann an FilmG, seach iomairt airson prògraman a dhèanamh airson BBC ALBA.
Tha e cuideachd feumail sùil a thoirt air cleachdaidhean luchd-amhairc, gu seach àraid luchd-amhairc òga. Chi thu barrachd mun sin air t.d. 45-47 den Lèirsinn. Tha na cleachdaidhean sin ag atharrachadh agus tha òigridh a’ coimhead nas lugha de thelebhisean. ’S e òigridh targaid FilmG agus tha e iomchaidh gu bheil àitean eile ann airson stuth lèir-chlaistinneach na Gàidhlig, a bharrachd air an t-seanail fhèin.
Mar sin, ged a mi a’ tuigsinn do cheist a bheil gu leòr a’ faicinn stuth FilmG leis gu bheil e air-loidhne a-mhàin, tha sinn den bheachd gu bheil na diofar ùrlaran a thathas a’ cleachdadh airson stuth FilmG a sgaoileadh iomchaidh airson targaid FilmG. Tha na filmichean rim faighinn air Vimeo, Youtube agus làrach FilmG fhèin. Bidh iad air an taisbeanadh gach bliadhna aig tachartasan Blas, Fèisean ionadail, m.e. Fèis an Eilein Dhuirche, Screen Machine nuair a tha e freagarrach, agus oidhche dhuaisean FilmG fhèin (a bha air a sruthadh beò am-bliadhna airson a’ chiad uair). Chan eil sin ag ràdh nach gabh sin a mheudachadh no a dhèanamh nas fheàrr – tha sinn air a dhèanamh soilleir nar Lèirsinn gur e fear de phrìomh amasan na buidhne a bhith a’ brosnachadh barrachd chom-pàirteachas sna meadhanan didseatach - ach aig an ìre-sa tha sinn riaraichte gu bheil stuthan FilmG air na h-ùrlaran ceart airson amasan na farpais a choileanadh.

Leig fios ma tha ceistean sam bith eile agaibh. 
Gach deagh dhùrachd 



Gilleasbuig: 
Tha mi dèanamh dheth gu bheil sinn stuigte le "Earrann Eachdraidh" agus "Taghadh bho na Trads" a chàirdean!



@GilleAotrom 

3 comments:

  1. Dé an saoghal a tha iad a´ beò ann?

    ReplyDelete
  2. Gun ainm, gun dochas1 October 2016 at 18:18

    Tha iad beò ann an Saoghal "Gàidhlig tro mheadhan na Beurla agus airgead dhan t-sitig!"

    ReplyDelete
    Replies
    1. Carson a bhiodh an t-airgead a´ dol do´n t-sitig?

      Delete