Sunday, 9 October 2016

Conflict of interests? Na biodh eagal sam bith ort, 'Illeasbuig!

Puist-dealain 'Illeasbuig gu na cumhachdan a th' ann  


To: "Bord na Gaidhlig" 15.08.2016
Cc:
Subject: ceist orm mu conflict of interests

A chàirdean
  
Tha ceist orm mu sheasamh a' Bhùird a thaobh suidheachadh caran connspaideach:
’S e MnE TV as mò a tha a’ faighinn dhen airgead a th’ aig BBC Alba airson coimiseanadh phrògraman ùra (còrr is £2M not ann an 2015-16).

’S ann le Ailean Dòmhnallach, cathraiche a’ Bhùird, a tha MnE TV.

A bheil am bòrd ga mheas ceart is iomchaidh gur h-e ur cathraiche as mò nì prothaid a-mach às coimiseanadh prògraman BBC Alba?

Dh’ fhaodar a ràdh gu bheil a’ cheist seo gu seachd àraid iomchaidh, bhon a tha an sianal ga fhaotainn ann an teas-mheadhain connspaid a thaobh prìomhachas ga thoirt do phrògraman Beurla - agus mòran dhiubh sin air an dèanamh le MnE TV!

Dè an dòigh anns a bheil am Bòrd a’ seasamh coirichean na Gàidhlig anns a’ ghnothach seo?

Le meas, Neil


19 Sultain 2016
A Mhgr MhicRath chòir, 
Tapadh leibh airson a’ phuist-d a chuir sibh thugainn air 15 Lùnastal, agus gabhaibh ar leisgeul gun robh dàil ann a bhith a’ cur freagairt thugaibh.
Mar Bhuidhinn Phoblaich, feumaidh Bòrd na Gàidhlig cumail ri riaghailtean Riaghaltas na h-Alba a thaobh a bhith clàradh nan com-pàirtean a th’ aig a’ Chathraiche, Buill a’ Bhùird agus luchd-obrach na buidhne, gu h-àraidh an luchd-obrach a tha san Sgioba Stiùiridh. Feumaidh Buill a’ Bhùird agus luchd-obrach foirm, A’ Nochdadh Chom-pàirtean, a lìonadh a-steach co-dhiù uair sa bhliadhna le liosta de gach ‘com-pàirt’ a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air na co-dhùnaidhean is beachdan aca co- cheangailte ris an dreuchd aca aig a’ Bhòrd.
A thuilleadh air an fhiosrachadh a thèid fhoillseachadh gach bliadhna air strì sam bith a dh’fhaodadh a bhith ann eadar com-pàirtean (nì a tha na dhleastanas corporra), bidh an Cathraiche, Buill a’ Bhùird agus Luchd-stiùiridh a’ clàradh a h-uile com-pàirt iomchaidh aig gach coinneamh den Bhòrd, de na Comataidhean agus den Sgioba Stiùiridh gus dèanamh cinnteach gu bheil cùisean cho soilleir ’s a ghabhas nuair a nithear co-dhùnaidhean.
Thèid com-pàirtean a chaidh a chlàradh le Buill a’ Bhùird fhoillseachadh air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig. Cuideachd, bi luchd in-sgrùdaidh agus luchd-sgrùdaidh bhon taobh a-muigh a’ dèanamh sgrùdadh air na dòighean sa bheil Bòrd na Gàidhlig a’ clàradh chom-pàirtean.
’S ann an urra ri Bòrd Stiùiridh MG ALBA a tha e co-dhùnaidhean a dhèanamh a thaobh dè na prògraman telebhisein a tha iad a’ maoineachadh agus chan eil gnothach aig Bòrd na Gàidhlig no Buill a’ Bhùird againn ris na co-dhùnaidhean sin.
Leis gach deagh dhùrachd,
Shona NicIllinnein, Ceannard 

 Gilleasbuig: 

Well, that's all right then! 'Na misneachd mhòr!



Gàidhlig gu leòr air làrach MnE TV ... doh!



@GilleAotrom

2 comments:

  1. Ó-Cé ... nam bidheadh com-pàirt aig neach ´sam bith feumaidh sin rach a nochdadh, ach a dh´aindeoin sin cha bhitheadh a´ chom-pàirt air falbh, bhithidh i ann fhathast, nach bi?

    ReplyDelete
  2. Tha sin taghta! Mise a' dol air adhart a-nis gun dragh sam bith air ciamar a tha cuisean leis a sin.

    ReplyDelete