Sunday, 20 November 2016

Ceud soraidh slàn le ... Clì Gàidhlig

Chuir e iongnadh air Gilleasbuig nach robh dol-fodha Clì Gàidhlig ach àiridh air deich diogan air naidheachdan BBC Alba "An Là" an t-seachdain seo chaidh.


Thighearna, arsa Gilleasbuig ris fhèin, am faodadh e bhith gun robh comh-chagair a' dol eadar madaidhean-naidheachd An Là agus luchd Bòrd na Gàidhlig, gus an naidheachd a sguabadh fon bhrat-ùrlair? Saoil a bheil aon smid fianais aig neach sam bith a thaobh càirdeas tuilleadh is dlùth eadarra?




Dealbh a chaidh fhoillsicheadh air twitter dìreach ron choinneamh aig Clì, can?










1 comment:

  1. Tha mi uabhasach duilich sin a chluinntinn. Mar as motha a bhios ann de bhuidhnean fa leth ann an saoghal na Gàidhlig 's ann as fhallaine. A bheil CnaG fhathast "neo-eiseimleach"?

    ReplyDelete