Monday, 12 December 2016

Sùil air ... dùblachadh na h-àireimh a tha dol a-steach do FTG

Isn't the National Gaelic Language Plan wonderful?



Tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gun do shoirbhich cho math le Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, "Fàs is Feabhas".

Taobh-duilleig 8 a' phlana:

  1. "Coileanaidh am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig na prìomh bhuilean a leanas:
  1. "Foghlam: sgoiltean agus tidsearan
    Àrdachadh gach bliadhna san àireamh a’ dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), a’ dùblachadh na h-àireimh a tha a’ tòiseachadh gach bliadhna an-dràsta gu 800 ann an 2017". 





2012-13: chaidh 428 duine cloinne a-steach do FTG (source: Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2012-13)

2013-14: chaidh 486 (source: Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2013-14)

2014-15:  chaidh 556 (source: Aithisg Bhliadhnail Bòrd na Gàidhlig 2014-15)

2015-16: chaidh 548 (source: iarrtas a rinneadh fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Dh' fheumadh sin, oir cha tug am Bòrd seachad aithisg bhliadhnail am-bliadhna). 

2016-17:  tha e coltach nach eil fiosrachadh le cinnt aig a' Bhòrd fhathast.



Cuiridh Gilleasbuig geall nach bi guth air na figearan seo air @bbcnaidheachdan an àigh!



@GilleAotrom 

3 comments:

  1. Gaiseag na Gaoithe12 December 2016 at 11:08

    Bithidh surd is aighear aig partaidh Nollaig Bord na Gaidhlig am bliadhna tha mi'n duil.

    ReplyDelete
  2. Ceum mòr air adhart 'son partaidhean Nollaig, dh'fhaodadh sibh bhith deimhinne às a-sin!

    ReplyDelete
  3. Tha mi duilich mas Gàidhlig bhriste a th' ann:

    Thòisich mi ag ionnsachadh a' Ghàidhlig an dèidh corra mhìos, agus bidh mi a' faighinn teachdaireachdan buidhnean "Gàidhealach" sgiorr-fhaclach gu dearbh!

    Bidh an làrach-lìn agaibhse soganach a-riamh, agus seo cuspair cudromach. Tapadh leibh.

    ReplyDelete