Thursday, 29 September 2016

FilmG - siud na fiolmaichean beaga nach fhaicear air BBC Alba gu bràth

MG Alba: tha fiolmaichean beaga FilmG air na h-ùrlaran ceart, am falach far a bheil iad  


A chàirdean, an robh ceist oirbh a-riamh mu ghainnead fiolmaichean goirid FilmG air BBC Alba?

Bha agus air Gilleasbuig cuideachd, so chuir e am post-dealain a leanas a dh' ionnsaigh MG Alba:


16mh Lùnasdal 
A chàirdean chòire 
Tha sibhse, MG Alba, a’ dèanamh mòran anns an aithisg bhliadhnail agaibh dhen a’ cho-fharpais FilmG, agus a’ cumail a-mach gur h-i a’ cho-fharpais seo “na phrìomh phàirt dhe ar n-obair” agus gur h-e “FilmG ar prìomh iomairt airson daoine òga a bhrosnachadh com-pàirt a ghabhail sna meadhanan Gàidhlig gus stuthan UGC [user generated content 'sa chànan aca fhèin] a bhrosnachadh”.
Cuin a thèid, ma tha, feadhainn dhe na fiolmaichean goirid sin a chraobh-sgaoileadh air BBC Alba?

Wednesday, 21 September 2016

The genitive case - jewel in the crown of our ancient celtic tongue

An tuiseil ginideach - uaill is moit ar cànain


A chàirdean, dh' fhaodamaid a bhith moiteil às ar cànan agus an tuiseal ginideach aice, rud a tha ga sònrachadh agus ga comharrachadh air leth bho chàich!






















Saturday, 3 September 2016

Nach ann air na corporate Gaelic tweets a thàinig an dà latha!

Good to see that corporate Gaelic tweets have cleaned up their act ... erm!


Bidh cuimhn' agaibh, a chàirdean chòire, gun robh Gilleasbuig rud beag diombach dhe na tweets corporra Gàidhlig bho chionn bliadhna neo timcheall, agus gun deach am meas ann an dòigh reusanta, glè constructive leis an amadan as fhèarr leis an Eilean Sgitheanach.

Tha Gilleasbuig air a dhòigh, ma thà, gu bheil na buidhnean corporra air an duslach a chrathadh dheth an cuid Gàidhlig, agus air sùim as ùr a chur anns a' chànan. Ged as e fear umhail a th' ann an Gilleasbuig, am faodadh e beagan dhen a' chreideas a mhealtainn?? Cho math ri sgioblachadh uighean Fabergé an aon-adharcaich aige, tha fhios!