Sunday, 18 December 2016

Foghnaidh na dh' fhòghnas: cur/cuir mi-chinnt

A chàirdean, tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gu bheil na corporate tweeters air an achd aca a sgioblachadh suas, agus an duslach a chrathadh dheth an cuid Gàidhlig.

(Lachan a' ghàire, air an làr a' rolaigeadh).

"Chur" air neo "chuir"? Chan e saidheans rocaid air a bheil sinn a' bruidhinn an seo!


















Monday, 12 December 2016

Sùil air ... dùblachadh na h-àireimh a tha dol a-steach do FTG

Isn't the National Gaelic Language Plan wonderful?



Tha Gilleasbuig air a dhòigh ghlan gun do shoirbhich cho math le Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig, "Fàs is Feabhas".

Taobh-duilleig 8 a' phlana:

  1. "Coileanaidh am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig na prìomh bhuilean a leanas:
  1. "Foghlam: sgoiltean agus tidsearan
    Àrdachadh gach bliadhna san àireamh a’ dol gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig (FTG), a’ dùblachadh na h-àireimh a tha a’ tòiseachadh gach bliadhna an-dràsta gu 800 ann an 2017". 

Thursday, 1 December 2016

Gilleasbuig: B' àbhaist do Là Naoimh Anndra bhith còrdadh rium

Another St Andrew's Day is graced by corporate Gaelic tweets  




Well a chàirdean chòire, an robh Latha Naoimh Anndra sona agaibh?

Bha agus aig Gilleasbuig cuideachd, agus abair fhèin gun do chuir na tweets chorparra Gàidhlig ris an latha aige!





Tha sibh làn dì-beathte, a mhuinntir na Pàrlaidh!
Is sibhse a dh'fhàg Gilleasbuig ann an sunnd!